Nominate Someone for the Scottish Gaelic Awards!

*English Below*

Faodar molaidhean airson Duaisean Gàidhlig na h-Alba a chuir a-steach a-nis!

A bheil thu eòlach air cuideigin a tha air obair annasach a dhèanamh ann an saoghal na Gàidhlig? 'S dòcha gum bu chòir dhut am moladh airson duais aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba am bliadhna! 

Tha Duaisean Gàidhlig na h-Alba a’ toirt aithne do na daoine agus buidhnean bho air feadh na dùthcha a tha a’ dèanamh obair ionmholta an lùib iomadh raon a bhuineas do chànan is cultar nan Gàidheal. Tha naoi diofair roinn-duais ann a tha a' toirt aithne do dhaoine a tha air iomadh diofair seòrsa obair a dhèanamh gus a' Ghàidhlig a bhrosnachadh. Seo agad nan roinnean;

  • Sàr Dhuais na Gàidhlig
  • Tosgaire Òg na Bliadhna
  • Duais Eaconamach na Gàidhlig
  • Duais Innleachdais
  • Duais Ealain is Chultarach
  • Duais Coimhearsnachd
  • Duais an Fhoghlaim
  • Sàr-Dhuais nam Meadhanan
  • Duais na Gàidhlig agus na h-Àrainneachd 

Seo an naoidheamh bliadhna de na Duaisean Gàidhlig agus thèid an cumail air Dimàirt 16mh Samhain 2021 ann an Taigh-òsta Mariott Ghlaschu. 

Chì thu barrachd fiosrachadh mu na diofair roinnean-duais air làrach-linn nan duaisean agus 's e 26 Sultain an là mu dheireadh gus molaidhean a chuir a-steach.

Cuir moladh a-steach an-dràsta!

 

Scottish Gaelic Awards Logo

Nominations for the Scottish Gaelic Awards are now open!

Do you know someone who's done amazing work in the world of Gaelic? Maybe you should nominate them for an award at this year's Scottish Gaelic Awards! 

The Scottish Gaelic Awards reward people for their work in all aspects of the Gaelic language and culture across the length and breadth of the country. There are nine awards categories which each recognise the efforts of people who've done a huge range of different things to advance and support Scottish Gaelic. The categories are;

  • Best Contribution Award
  • Young Gaelic Ambassador
  • Gaelic as an Economic Asset Award
  • Innovation Award
  • Arts and Culture Award
  • Community Award
  • Education Award
  • Best Gaelic Contribution to Media 
  • Gaelic and the Environment Award 

This is the ninth year of the Scottish Gaelic Awards and the awards ceremony will take place on Tuesday, November 16th 2021, in teh Mariott Hotel in Glasgow.

You can find out more about the different categories and criteria on the Scottish Gaelic Awards website and nominations close on Septemeber 26th. 

Nominate someone now!

 

For more Gaelic information and opportunities, head back to our #YSGaelic landing page.