Cuir a-steach Do Bheachd Airson Susbaint Gàidhlig!

This article is also available in English.

A bheil thu dìoghrasach mun Ghàidhlig agus ag iarraidh susbaint a chruthachadh dha Young Scot? Faigh a-mach mar a roinneas tu do bheachd gu h-ìosal agus ma thèid do thaghadh airson an t-susbaint a chruthachadh gheibh thu eàrlas Love2Shop luach £25!

Faodaidh do bheachdan susbaint a bhith air cuspair sam bith. Is dòcha gu bheil cur-seachad sònraichte agad no gu bheil thu ag iarraidh sgrìobhadh mu shaor-làithean cuimhneachail. Bheil thu air a bhith an sàs ann an rudeigin a tha air buannachd a thoirt don choimhearsnachd agad no gu bheil cuspair no cùis ann air a bheil thu a’ faireachdainn dìoghrasach agus a’ smaoineachadh a dh’ fheumas fios a bhith aig barrachd dhaoine òga, mar eisimpleir a’ brosnachadh barrachd dhaoine Gàidhlig a bhruidhinn!

Cho fad ‘s a tha e sgrìobhte, air fhilmeadh no air a chruthachadh sa Ghàidhlig, tha sinn airson do sgeulachd a chluinntinn!

Dè tha Young Scot a’ dèanamh sa Ghàidhlig mar-tha?

Tha àite air an làrach-lìn againn a tha dìreach airson shusbaint Ghàidhlig – a’ toirt a-steach molaidhean cànain, ionnsachadh mu eachdraidh is cultar na Gàidhlig agus far am faigheadh tu cothroman Ghàidhlig.

Tha Young Scot Gaelic air a bhith a’ cruthachadh susbaint ùr is brosnachail ann an Gàidhlig na h-Alba. Cuideachd a bhith a’ roinn chothroman Gàidhlig gus linn ùr de luchd-labhairt a bhrosnachadh agus an cuideachadh a’ ceangal ri chèile. Le Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ùr air a shlighe ann an 2023, tha a-nis na àm nas fheàrr na bha e a-riamh airson taic a thoirt do fhàs is leasachadh na Gàidhlig.

Am faca tu an susbaint Gàidhlig TikTok againn?

@young.scot What’s your favourite part of the Highland Games? #Gaelic #HighlandGames #Gàidhlig #Scotland #ScottishTikTok #Summer2022 #FYP #GuessingGame #CelticLanguages ♬ Lo-Fi electric piano fashionable(840331) – yutaka.T

Dè an seòrsa susbaint a bhiodh ag obair?

Tha e suas riut fhèin dè an seòrsa beachd susbaint a bhios tu a’ roinn! Dh ‘fhaodadh e a bhith mar rud sam bith bho bhlog sgrìobhte gu bhith a’ cruthachadh bhidio goirid airson TikTok. Mura h-eil thu cinnteach agus ag iarraidh beagan brosnachaidh tha eisimpleirean de shusbaint a tha sinn air a roinn gu h-ìosal.

Ma tha thu a’ faireachdainn gu bheil susbaint sgrìobhte nas fhearr dhut, is dòcha gum bi thu airson beachdachadh air blog a sgrìobhadh. Faodaidh sibh sùil a thoirt air ar duilleag Youth Voice airson faicinn dè na cuspairean a tha daoine air a bhith a’ sgrìobhadh mu dheidhinn roimhe.

Ma tha thu comhfhurtail air beulaibh a’ chamara agus gu bheil thu airson bhidio a chruthachadh, air a chuir a-steach leat fhèin no air fhilmeadh le ar taic, faodaidh sinn tagraidhean a ghabhail airson bhideothan ann an cruth goirid no nas fhaide. Thoiribh sùil air a’ bhidio gu h-ìosal air beatha an oilthigh agus a’ Ghàidhlig le Alastair.

@young.scot Alastair, a Gaelic student at the University of Glasgow shares why he’s proud to be a Gaelic learner and more! #Gaelic #Gàidhlig #Cleachdi #UniversityOfGlasgow #CelticLanguages #Scotland #Scottish #FYP #YoungScot #Glasgow #LearnGaelic #LearnALanguage #GaelicTikTok #GlasgowUni ♬ lofi and minimalist BGM(325514) – Kazuhi

Dè gheibheadh ​​tu a-mach às?

If your idea is selected, we will then get in touch with you about creating this content.

If your content is published, you’ll receive a £25 Love2Shop voucher which you can use at a range of online stores!

Ma thèid do bheachd a thaghadh, cuiridh sinn fios thugad an uair sin mu a bhith cruthachadh an t-susbaint seo.

Ma thèid do shusbaint fhoillseachadh, gheibh thu eàrlas Love2Shop £25 a dh’fhaodas tu a chleachdadh aig raon de bhùithtean air-loidhne!

Mar a chuireas tu do bheachd air susbaint Gàidhlig a-steach

Ma tha thu airson do bheachdan susbaint a chur a-steach airson Young Scot Gaelic, lìon ar foirm air-loidhne. Gheibh thu 100 puingean duais Young Scot airson beachd a chuir a-steach.

Roinn do bheachdan susbaint airson Young Scot Gaelic

Faodaidh an Sgioba Fiosrachaidh Didseatach againn fios a chur thugad airson tuilleadh fiosrachaidh agus gus innse dhut gum bu mhath leinn do bheachd susbaint a nochdadh. Ma tha thu fo aois 16 bidh feum againn cuideachd air cead bho phàrant, neach-cùraim no neach-gleidhidh.

Tuilleadh fios

A bheil feum agad air barrachd fiosrachaidh neo am bu toil leat a chur a-steach ann an cruth eile? Cuir post-d chun sgioba againn aig contents@young.scot

Lorg barrachd chothroman airson a dhol an sàs.

Other content you might be interested in

All ages

Sports in Forfar

Check out these sports clubs and activities around Forfar, Angus including swimming, cricket, badminton and more!

Sports in Forfar
HIDE PAGELeave this site quickly
Back to top of the page