Cruthaich Geamannan sa Ghàidhlig

Le Scratch, ’s urrainn dhut na sgeòil, geamannan agus beò-dhealabhaidhean eadar-ghnìomhach agad fhèin a phrògramachadh – agus is urrainn dhut na chruthaich thu a cho-roinneadh le càch sa choimhearsnachd air loidhne.

Chan fheum thu sgilean còdachaidh idir agus tha a h-uile càil air a dhèanamh soilleir agus furasta dhut. Faodar a chleachdadh AN-ASGAIDH agus sa Ghàidhlig cuideachd!

Language selection options on Scratch

 

Faodaidh tu Gàidhlig a thaghadh mar an cànan a chleachdas tu aig bonn na duilleige - mar a chì thu san dealbh gu h-àrd!

Faodaidh tu an uairsin geama a chruthachadh no sgeulachd innse le beò-dhealbhadh agus cho-roinn na chruthaicheas tu le do charaidean, uile tron Ghàidhlig!

 

Scratch | Explore/Projects/All

 

Gheibh thu na geamannan agus na beò-dhealabhaidhean a chaidh a chruthachadh le feadhainn eile agus faodaidh tu an cluich cuideachd! Dìreach cliog air a’ phutan ‘Rùraich’ aig mullach na duilleige.

Seo eisimpleir de gheama a chaidh a chruthachadh ann an Scratch, anns am feum thu leum thairis air cnapan-starra eadar-dhealaichte.

 

Scratch game example

 

Thèid dhan làraich-linn Scratch gus geama no beò-dhealbh a chruthachadh!

Thèid air ais dhan duilleag Gàidhlig againn airson barrach fiosrachadh a lorg ann an Gàidhlig.