Prìsean Siubhail Nas Ìsle

Nuair a tha thu 16, 17 no 18 bliadhna de dh’aois (no 19 gu 25 ‘s tu nad shaor-thagraiche làn-ùine) gheibhear prìsean nas ìsle airson busaichean, trèanaichean is bàtaichean-aiseig nuair a bhios tu a’ siubhail ann an Alba le do chairt Young Scot.

Feumaidh fear de na cairtean ùr leis an stiall pinc (mar a chithear gu h-ìosail) a bhith agad gus na prìsean nas ìsle fhaighinn.

Cairt Young Scot Ùr (stiall pinc)

Busaichean

Thathar comasach an cairt Young Scot agad a chleachdadh gus prìsean nas ìsle fhaighinn air busaichean anns a h-uile ùghdarras ionadail. Bidh feum agad do chairt Young Scot a sganadh no a shealltainn dhan draibhear nuair a tha thu a’ ceannach do thiogaid is gheibhear trian far na prìse.

Thoir an aire: Tha sinn mothachail gu bheil trioblaid ann leis a bhith a’ pàigheadh le cairtean-creideis is cairtean-fhiachan. Ma tha thu airson do chairt Young Scot a chleachdadh gus a’ phrìs nas ìsle a’ phàigheadh, bidh airgead-làimhe a dhìth (ach a-mhàin air seirbhisean Stagecoach). Tha Còmhdhail Alba ag obair air a chùis gus an trioblaid a rèiteachadh.

Chan fhaighear prìs nas ìsle air tiogaidean duais-bharrachd, busaichean siubhail sheallaidhean no busaichean ann an Sasainn.

Chan fhaighear a’ phrìs nas ìsle ach air tiogaidean aon-shligheach.

Airson barrachd fiosrachaidh, thèid dhan làrach-lìn aig Transport Scotland.

Trèanaichean

Gheibhear:

  • Trian far na prìs air a’ chuid as motha de thursan trèana.

  • 50% far na prìs air tiogaidean seachdaineil no mìosail.

  • Trian far am prìs airson an cuid as motha de thiocaidean adhartach.Chan eil bileag-theist fa leth no Scottish Youth Railcard a dhith airson na prìsean seo fhaighinn a-nis.

    Tha thu cuideachd comasach do chairt Young Scot a’ cleachdadh gus tiogaidean a’ cheannach air an làraich-linn Scotrail. Cleachd an taghadh ‘Scottish Youth’ san clàr-taice teàrnach nuair a tha thu airson tiogaid a cheannach.

Thoir an aire: Cha bu chòir tiogaidean a bhith air an ceannach air an trèana ach nuair nach eil tiogaid ri fhaighinn bho inneal no oifis tiogaid san stèisean.

Gheibhear prìsean nas ìsle air na trèanaichean aig Scotrail, LNER, Virgin Train, Cross Country agus First Transpennine nuair a tha an turas air fad a’ gabhail àite taobh a-staigh na h-Alba.

Bacaidhean

Tha National Rail air bacaidhean a chur ann an àite mu dheidhinn cò na prìsean nas ìsle a tha ri fhaighinn is cuin a gheibh thu iad.

Tha bun-chosg ann ma thathar airson siubhail ro 10m tron t-seachdain. Feumar co-dhiù £12 no barrachd a chosg ma thathar airson Anytime, Anytime Day Single no Return, Off-Peak, Off-Peak Day no Super Off-Peak Single/Return a cheannach.

Mar eisimpleir, ma bha thu airson tiogaid a cheannach a tha a’ cosg £15 mar as àbhaist, ’s e £10 a chosgas e leis a’ chairt Young Scot. Air sgàth  nam bacaidhean aig National Rail, ’s e am bun-chosg de £12 a bhios agad ri phàigheadh.

Chan eil bacaidhean sam bith ann airson tiogaidean seachdaineil no mìosail aig amannan prìomhach.

 

Bheir sùil air an làraich-lìn aig National Rail airson barrachd fiosrachaidh.

Bàtaichean-Aiseig

Ma tha cairt Young Scot agad ’s tu eadar 16 is 18 agus a’ fuireach air eilean, tha thu airidh air bileagan-theist aiseig an asgaidh! Tha thu airidh air 4 bileagan-theist gach bliadhna bho 16 gu 18 bliadhna de dh’aois agus bidh iad seo air a chur dhan t-seòladh agad tron phost.

Ma tha thu air iarraidh air bileagan-theist ach chan eil iad air do thaigh a ruigsinn, cuir fios dhan oifis Young Scot ionadail agad is cuiridh iad barrachd dhut.

Bidh do dhealbh is d’ àireamh cairt Young Scot air gach bileag-theist.

Nach eil cairt Young Scot agad fhathast no a bheil ionadair a dhith? Thèid dhan duilleag Faigh Do Chairt Young Scot againn!

Thèid air ais dhan duilleag-laighe Gàidhlig againn!