Manaidseadh d' Airgead

Tha e daonnan doirbh smachd a cumail air d’ airgead agus na cosgaisean agad. Seo beagan fiosrachaidh a dh’ fhaodadh do chuideachadh leis.

‘S ann mu dheidhinn smachd a’ cumail air d’ airgead a th’ ann am buidseatadh. Cuideachaidh buidseat thu an sùim de airgead a th’ agad obrachadh a-mach, cò air an fheumas tu a bhidh ga chosg agus innsidh e dhut na tha agad air fhàgail airson a bhidh a’ chosg air stuthan eile a tha thu ag iarraidh.

Bu chòrr buidseat do chuideachadh le plana a’ cruthachadh airson d’ airgead a chosg agus caomhnadh gus dàimh fallainn a’ cruthachadh eadar sibh fhèin agus d’ airgead.

Cruthaich Buidseat Pearsanta

Cruthaich siota-buidseat. ‘S e seo an dòigh as fhasa dhut a bhith buidseatadh.

Cruthaich liosta de na sùimean airgead a tha agad a’ tighinn a-steach gach mìos agus liosta eile de na suimean airgead a tha ri tighinn a-mach. Seallaidh seo dhut na tha agad air fhàgail nuair a tha thu air do bhilean a phàigheadh. Bu chòrr dhut an uair sin a bhidh ag amas air na tha thu airson a bhidh a’ chosg gach mìos air nithean neo-riatanach. Dèan cinnteach gur e sùim reusanta a tha seo, ma tha i robh ìosail cha cùm thu ris.

Nuair a thathar a’ cruthachadh an liosta cosgaisean agad, cur a-steach rudan ma a leanas:

  • Màl
  • Bilean
  • Cìsean comhairle
  • Cosgaisean fòn-làimh
  • Còmhdhail
  • Biadh agus deoch
  • Maise-gnùis is eile
  • Cùrsaichean, clasaichean is ballrachdan
  • Irisean no pàipearan-naidheachd
  • Leabhraichean, CDs agus DVDs
  • Fèisteas (taigh-dealbh no a’ dol a-mach còmhla ri do chàraidean m.s.a.)
  • Prèasantan (Cò-làithean breith, Nollaig m.s.a.)

Bu chòrr dhut a bhidh a’ sgrìobhadh liosta gach mìos air na tha thu a’ chosg air gach fear de na rudan seo. ‘S docha gum bidh air barrachd a’ chosg air feadhainn dhiubh na bha thu an dùil agus nas lugha air feadhainn eile. Bheiridh seo an cothrom dhut do bhuidseat atharrachadh a rèir dè a tha dhith ort, dè nach eil agus na tha iad sin a chosg.

Ma lorgar cosgaisean a tha robh àrd no anns nach eil mòran leas, sguab às i airson là, seachdain no fiù ‘s mìos gus am faic thu an diofair a dhèanas seo dhut.

Image of piggy bank and calculator

Manaidsich Do Chunntasan Banca

Tha e daonnan doirbh d’ airgead a’ mhanaidseadh, ach tha e gu math cudromach gu bheil thu ga dhèanamh. Leis gu bheil an t-uabhas de dhòighean ann a bhidh a’ pàigheadh airson nithean is seirbhisean, tha e gu math furasta smachd a chall air na tha thu air a’ chosg agus na tha agad air fhàgail nad chunntais banca.

Beagan gliocasan airson do chunntasan-banca a’ mhanaidseadh:

  • Cùm grèim air do bhannan-cuidhteis.
  • Faigh bann-cuidhteis gach uair a chleachdas tu inneal-airgead.
  • Cùm liosta de seicichean sam bith a tha thu air sgrìobhadh.
  • Cùm liosta de na chosgaisean a’ chuireas tu air do chairt banca.
  • Cùm d’ aire air na h-òrdughan-seasmhach agus fiach-dìreach agad agus dèan cinnteach gu bheil gu leòr nad chunntas banca airson iad seo a’ phàigheadh.
  • Sgrìobh a-mach buidseat airson an seachdain, am mìos agus am bliadhna agus feuch gun cùm thu ris.
  • Cleachd bancaireachd air-loidhne no bancaireachd fòn-làimhe cho tric ‘s ghabhas dhèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil fhios agad na tha air fhàgail nad chunntas-banca.

Ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth mu ciamar a’ mhanaidsich thu d’ airgead, tha an làraich Budgeting and Managing Money aig am Money Advice Service gu math taiceil.

Thèid air ais dhan duilleag-laighe Gàidhlig!