Gliocasan airson Fèisean-Ciùil

Tha an grian (uaireannan!) a’ deàrrsadh, tha i blàth a-muigh agus tha sinn uile deiseal airson beagan ceòl is craic – feumaidh gur e t-seusan nam fèisean-ciùil a th’ ann! Seo agad na gliocasan againn airson do fhèin a’ cumail sàbhailte agus ann an deagh thriom aig fèisean-ciùil!

1. Deasaich airson an t-uisg’!

Nuair a tha thu a’ Cur seachad deireadh seachdain ann an teanta aig meadhain achadh tha e cudromach gu bheil thu deiseil airson droch aimsir. Ged ‘s gu bheil sinn uile airson ‘s gum bidh an grian a’ deàrrsadh fad an deireadh seachdain nuair a tha sinn aig fèis-ciùil, gu mi-fhortanach chan urrainn dhuinn a bhidh an urrachd ris am beachd ris am beachd ud ann an Alba!

2. Taghadh an àite ceart.

Leis na ceudan, no fiù ‘s mìltean de teantaichean san achadh, tha e daonnan doirbh an teanta agad fhèin a’ lorg aig deireadh na h-oidhche. Taghadh àite sònraichte a tha faisg air comharra-tìr gus ga dhèanamh beagan nas fhasa dhut fhèin!

3. Fàg neo-ghlaiste i.

Tha e furasta a bhidh a’ smaointinn gum biodh e na deagh bheachd glas-chrochaidh a chur air do theanta ach, airson an fhìrinn innse, ‘s e droch bheachd a th’ ann gu dearbh. Obraichidh an glas-chrochaidh mar sanas a tha ag ràdh ris a h-uile neach a faiceas i gu bheil nithean luachmhor ri lorg san teanta. Bidh thu fada na b’ fheàrr ma fàigeas tu do nithean luachmhor aig an taigh.

 

Carson nach smaoinich thu mu dheidhinn fòn-làimhe cunnarach agus cairt SIM ‘pay as you go’ a’ ceannach gus am bidh thu comasach do fòn-làimhe-glic daor a’ fàgail aig an taigh.

4. Na gabh cus deoch-làidir!

Bho aois 18 tha e ceadaichte dhut deoch-làidir ag òl aig fèisean-ciùil, ach dèan cinnteach nach gabh thu cus. Dh’ fhaodadh rudeigin a’ dol ceàrr dhut ‘s tu ann am meadhan achadh le na mìltean de luchd-aineol. Chan fheum thu an t-uabhas deoch làidir ag òl gus spòrs a’ ghabhail aig fèis-ciùil agus nach biodh e na b’ fheàrr ma bha cuimhne agad air na còmhlain a chunnaic thu?!

5. Dèan suas d’ inntinn fhèin.

Tha teans’ ann gum faic thu daoine aig a bheil drugaichean is nithean mi-laghail is cunnartach eile fhad ‘s a tha thu aig fèis-ciùil. Cuimhnich chan eil e gu diofair sam bith na tha daoine eile a’ dhèanamh no na tha iad airson ‘s gun dèan thu fhèin, ‘s e an taghadh agadsa a th’ ann agus chan fheum thu càil a’ dhèanamh leis nach eil thu chofhairteil.

6. Ceannaich an tiocaid agad san àite ceart.

Tha ‘Ticket Touts’ daonnan ri lorg dìreach taobh a-muigh fèisean-ciùil ‘s iad a reic tiocaidean gu daoine aig nach eil fear fhathast. Feumaidh tu a bhidh gu math faicealach mu seo or tha na tiocaidean daonnan air a bhidh a ghoid no tha iad nan tiocaidean brèige is chan fhaigh thu a-steach dhan tachartas idir.

Na ceannaich tiocaidean ach bho an companaidh tiocaidean oifigeil a-mhàin agus ceannaich iad tràth gus a bhidh cinnteach gum faigh thu fear is gum faigh thu a-steach ann.

7. Cruthaich plana ro làimh.

Tha fhios againn nach eil thu airson a bhidh a’ smaointinn mu dheidhinn deireadh an deireadh seachdain agus deireadh an fhèis ach tha e gu math cudromach gu bheil plana agad ann an àite. Dèan cinnteach gu bheil fhios agad ciamar an fhaigheas tu dheachaidh agus gum bidh airgead gu leòr agad air fhàgail airson na cosgaisean a tha an sàs anns an gnothaich a’ phàigheadh.

Cuimhnich: ‘S urrainn dhut prìsean nas ìsle a’ phàigheadh nuair a tha thu a’ siubhail taobh a-staigh na h-àlba nuair a’ chleachdas tu do chairt Young Scot.

Agus aon rud eile, gabh spòrs! 'S e sin an adhbhar airson a bhidh ann, nach e?

Airson barrachd fiosrachaidh is gliocasan mu tachartasan-samhraidh, thèid dhan duilleag-laighe #summerready

Thèid air ais dhan duilleag-laighe Gàidhlig!