Fiosrachadh Mu Thaghadh Pàrlamaid Westminster

Seo agad am fiosrachadh a bhios a dhìth ort mu Thaghadh Pàrlamaid Westminster 2019.

Sgead-dhealbh de làmh a cur bhòt a-steach dhan bogsa-bhòtaidh.

Tha 650 Ball-Pàrlamaid (BP) ann gus  Sluagh Bhreatainn a riochdachadh ann an Taigh nan Cumantan (TnC). Nuair a dh’fheumas na Buill Phàrlamaid a bhith air an taghadh, ‘s e Taghadh Pàrlamaid a tha againn gus sin a dhèanamh.

Dè thachras air Là an Taghadh?

Air Là an Taghaidh bidh na bhòtairean clàraichte uile a’ dol dhan ionad-bhòtaidh ionadail aca gus an neach-tagraidh as fhèarr leotha a thaghadh. Tha diofar roinnean-pàrlamaid ann agus tha diofar mòr anns an àireamh de roinnean ann an gach dùthaich:

  • Tha 533 roinnean-pàrlamaid ann an Sasainn,
  • Tha 59 roinnean-pàrlamaid ann an Alba,
  • Tha 40 roinnean-pàrlamaid anns a' Chuimrigh,
  • Tha 18 roinnean-pàrlamaid ann an Èirinn a Tuath.

Tha an sluagh anns gach roinn-phàrlamaid a’ taghadh BP a bhios gan riochdachadh ann an TnC. ‘S urrainn dhut faighinn a-mach cò  roinn-pàrlamaid anns a bheil thu a’ fuireach le  bhith a’ coimhead air an làraich-lìn aig Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte.

Tha Taghadh Pàrlamaid gu bhith ann  Diardaoin 12mh an Dùbhlachd 2019.

Ciamar a dh’obraicheas an siostam bhòtaidh?

‘S e siostam riochdachaidh mòr-chuideachail (RM) a tha air a’ chleachdadh san Rìoghachd Aonaichte agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil an neach-tagraidh aig a bheil an àireamh de bhòtaichean as motha anns gach roinn-phàrlamaid air an taghadh airson an roinn ud a riochdachadh mar BP. Tha an Riaghaltas an uair sin air a chruthachadh leis a’ pàrtaidh phoilitigeach aig a bheil an àireamh as motha de BPan as dèidh an taghaidh.

Tha am monarc (A’ Bhànrigh an-dràsta) an uair sin ag iarraidh air ceannard a’ phàrtaidh sin a bhith nam Prìomhaire na Dùthcha. Tha an tiotal ‘Ceannard nan Dùbhlanach’ an uair sin air a thoirt do cheannard a’ phàrtaidh a thàinig san dàrna àite san taghadh.

Gus an taghadh agad a dhèanamh air an là, feumar am bogsa ri taobh ainm an tagraiche as fheàrr leat a chomharrachadh le diog no crois.

Cò aig a tha cead-bhòtaidh?

Tha  cead agad bhòt a cur a-steach ma tha thu:

  • Clàraichte airson bhòt a chur.
  • Co-dhiù 18 air Diardaoin 12mh an Dùbhlachd 2019 (là an taghaidh)
  • Nad shaoranach Breatannach no Èireannach no nad shaoranach choingheallach a’ Cho-fhlaitheis
  • A’ fuireach aig seòladh san Rioghachd Aonaichte (no nad shaoranach Breatannach a’ fuireach thall thairis a tha air a bhith clàraichte airson bhòtadh sna 15 bliadhna a dh’fhalbh)
  • Cha bu chòir bhòtadh a bhith toirmisgte dhut airson adhbharan laghail sam bith.

 

Feumaidh tu a bhidh clàraichte airson bhòtadh ro meadhan oidhche (12:00m) air Dimàirt 26mh an t-Samhain.

‘S urrainn dhut iarraidh air bhòt tron phost, no tro neach-ionaid (proxy vote) mur eil thu gu bhith comasach a bhith aig an ionad-bhòtaidh air là an taghaidh.

Ma thathar airson bhòt a chur tron phost no tro neach-ionaid, feumaidh tu clàradh airson sin ro còig feasgair (5f) air Dimàirt 26mh an t-Samhain.

Lorg barrachd fiosrachaidh mu bhòtadh tron phuist an seo.

Cuin am bu chòir dhut do bhòt a chur a-steach agus dè bhios a dhìth ort?

‘S urrainn dhut do bhòt a chur air là an taghaidh, 12mh an Dùbhlachd 2019, eadar seachd sa mhadainn (7m) agus deich feasgar (10f).

Thig do chairt bhòtaidh sa phost agus innsidh sin dhut far a bheil an t-ionad-bhòtaidh ionadail agad. Na gabh dragh ma thèid an cairt-bhòtaidh air chall ge-tà, chan fheum thu i gus bhòtadh!

Ma bha thu an dùil bhòtadh air là an taghaidh ach tha suidheachadh-èiginn air stad a cur air sin, ‘s urrainn dhut do chlàradh fhèin airson bhòt neach-ionad èiginneach.

Feumaidh tu iarraidh air bhòt tro neach-ionad èiginneach ro còig feasgair (5f) air là an taghaidh.

Lorg barrachd fiosrachaidh mu bhòtadh tro neach-ionad.

Feumach air barrachd fiosrachaidh?

Tha fiosrachadh mu na tagraichean san roinn-phàrlamaid agad ri lorg tron chomhairle ionadail agad.

Airson fiosrachadh mun comhairle ionadail thèid dhan làrach-lìn aig COSLA.

Lorgar barrachd fiosrachaidh air na làraich-lìn seo:

Thèid air ais dhan duilleag-laighe Gàidhlig againn!