Dè th' ann an #YSHive?

Dè th’ ann an #YSHive?

Tha #YSHive a’ togail air dìleab Bliadhna na h-Òigridh 2018 gus an cumhachd a thoirt dhut a bhith nad leasaiche siostam gus dèiligeadh ris na dùbhlain as cruidhe ann an Alba agus na rudan a tha as cudromach dhutsa.

Ciamar a chaidh a chur ri chèile?

Chaidh na beachdan iongantach a chur saor-thoilich Young Scot tharais air na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh a chleachdadh gus #YSHive a leasachadh agus tha an sgioba againn an seo gus do chuideachadh le bhith ag obair air pròiseactan gu saor-thoileach còmhla ri daoine òga eile bha air feadh na h-Alba.

Tha an cumhachd gu lèir aig luchd-leasachaidh siostaim. . .

Le bhith ag obair gu saor-thoileach mar leasaiche siostaim bidh cothrom agad saoghal nas cothromaiche agus nas seasmhaiche a chruthachadh airson do charaidean, do choimhearsnachd agus do na ginealaichean ri teachd. Mar sin ma tha ùidh agad ann an co-ionannachd, atharrachadh gnàth-thìde, taigheadas, foghlam no a h-uile càil eatarra, tha sinn airson do chuideachadh gus an saoghal mu thimcheall ort atharrachadh.

Chan fheum thu eòlas sònraichte no ghnàth-eòlas sònraichte sam bith gus pàirt a ghabhail!

Chan fheum thu ach dìoghras airson Alba a dhèanamh na àite nas fheàrr – gheibh thu an còrr tro thaic agus cothroman gus do sgilean a thogail mar shaoranach gnìomhach fhad ‘s a tha thu ag obair còmhla rinn.

Tha sinn a’ comharrachadh iomadachd agus in-ghabhalachd.

Tha fios aig Young Scot gu bheil measgachadh de ghnàth-eòlasan deatamach airson pròiseactan soirbheachail.

Tha na saor-thoilich againn, san àm a dh ’fhalbh agus san latha an-diugh, de dhiofar aoisean, a’ tighinn bho dhiofar phàirtean de dh'Alba bho na crìochan suas gu na h-eileanan, agus tha diofar ùidhean, chùl-raointean agus sgeulachdan pearsanta aca. Tha cuid air a bhith ag obair còmhla rinn air pròiseact goirid airson beagan mhìosan agus tha cuid eile air a bhith còmhla rinn airson bhliadhnaichean!

Thoir sùil air na sgeulachdan seo bho na saor-thoilich againn gus tuilleadh fhaighinn a-mach.

Tha in-ghabhalachd agus cothrom co-ionainn air cothroman aig cridhe ar n-obair air fad aig Young Scot. Obraichidh sinn gu dlùth leat agus nì sinn cinnteach gun urrainn dhut pàirt a ghabhail ann am pròiseactan #YSHive de sheòrsa sam bith.

Is e seo am pròiseas anns an tèid thu an sàs:

Young Scot inforgraphic. Explore, Create, Disrupt, Act

Cò ris a tha obair saor-thoileach còmhla ri #YSHive coltach?

Nì sinn cinnteach:

  • Gu bheil na seiseanan spòrsail, inntinneach, tarraingeach agus diofraichte bho na clasaichean agad san sgoil.
  • Tha deagh chothrom gu bhith agad càraidean a dhèanamh
  • Gu bheil luchd-obrach Young Scot agus na com-pàirtichean againn a’ toirt seachad taic ruigsinneach gu h-ionadail agus gu nàiseanta.
  • Gun leasaich thu sgilean luachmhor a chuidicheas tu gus co-obrachadh leis na daoine ann an dreuchdan cumhachdach agus an cuideachadh gus dèiligeadh ri duilgheadasan cudromach.
  • Gu bheil thu an-còmhnaidh air do bhrosnachadh gus beachdan luachmhor is ùr-ghnàthach a leasachadh agus an cur gu stiùirichean nàiseanta.
  • Gu bheil sinn a’ toirt prìomhachas don leasachadh proifeasanta agad agus ag aithneachadh do choileanaidhean, ge bith a bheil iad mòr no beag.
  • Gu bheil sinn gad cheangal ri seirbheisean Young Scot eile a tha luachmhor dhut, den leithid fiosrachaidh, an Càirt Làn-Chòir Nàiseanta Young Scot, Ballrachd Young Scot, Fochlasan agus Barganan, agus seirbhisean for-ruigheachd.
  • Gu bheil sinn co-roinneadh cothroman saor-thoileach eile leat, tro Ballrachd, susbaint didseatach agus an seirbhis for-ruigheachd againn.
  • Bheir buaidh air an t-saoghal mun cuairt ort còmhla rinn.

Ionnsaich tuilleadh mu #YSHive agus lorg fiosrachadh mu cothroman.

A bheil ceistean agad fhathast?

Gheibh thu fiosrachadh mu cha mhòr a h-uile dad mu bhith ag obair còmhla rinn air an duilleag seo airson ceistean bitheanta.

Nach eil thu a’ faicinn dad anns a tha ùidh agad?

Cuir post-d chun sgioba againn aig YSHive@young.scot agus innis dhuinn mu na tha cudromach dhut agus faigh fiosrachadh mu pròiseactan eile anns an urrainn dhut a dol an sàs.

Read this article in English.