Dè th' ann an FilmG?

Tha an artaigil seo ri fhaighinn sa Bheurla cuideachd.

Tha cothrom sònraichte aig daoine òga a tha airson an tàlantan dèanamh fhilmichean Gàidhlig a thaisbeanadh a dhol a-steach do FilmG, fèis bhliadhnail film goirid a tha ag amas air tàlant ùr a leasachadh sa Ghàidhlig.

Dè tha thu a’ feitheamh airson?!

Le còrr air 1100 film bho thòisich e ann an 2008, tha FilmG a’ brosnachadh gach taobh de bhith dèanamh fhilmichean agus tha an fios aig John, Neach-taic Susbaint Didseatach Gàidhlig Young Scot, air mar a gheibhear a’ chuid as fheàrr às a’ chothrom.

A’ buannachadh na duais aig FilmG airson an stiùiriche ùr as gealltanach ann an 2021, fhuair an ceumnaiche BA Telebhisean eòlas luachmhor air mar a ghabhas pròiseact atharrachadh nuair a dh’ èireas dùbhlain is cothrom a bhith ag obair air seata Tbh.

Rinn John, a dh’ionnsaich Gàidhlig aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, BA ann an Telebhisean aig Oilthigh Napier Dhùn Èideann. Fhuair e a-mach mu FilmG san sgoil agus nuair a thàinig a’ gheàrr-chunntas airson a’ phròiseact oilthigh mu dheireadh aige, bha e den bheachd gur e deagh chothrom a bh’ ann a dhol a-steach don cho-fharpais. 

"Bha an geàrr-chunntas pròiseict mu dheireadh neo-shoilleir. Bhrosnaich mi ar buidheann pròiseict, mi-fhìn agus luchd-labhairt Beurla, gus beachdachadh air rud sam bith a chruthaich sinn airson FilmG. Dh’aontaich iad gur e deagh chothrom a bh’ ann cuir a-steach airson farpais air leth agus a bhith ag obair gu sònraichte air pròiseact Gàidhlig."

Le dìreach aon latha de filmeadh, bhuail COVID-19 agus dùin an dùthaich sion, bha aig John ri ath-mheasadh a dhèanamh air mar a chuireadh e crìoch air a’ phròiseact.

"B’ fheudar dhomh co-dhùnadh ciamar a b’ urrainn dhuinn fhathast Bròn a chrìochnachadh, dràma mu bhràithrean, dìomhaireachd dorcha agus baga iasgaich a’ ràinig suas air tràigh. Cho-dhùin mi an fhilm atharrachadh gu eileamaidean de ghuth-thairis measgaichte leis na filmeadh a fhuair mus thachair COVID-19. Le bhith a’ sgrìobhadh an guth-thairis sa Ghàidhlig cuideachd gus am film a chumail sa Ghàidhlig.”

“Thug buannachadh an cothrom dhomh a bhith ag obair air seata film Bannan – opara siabann Gàidhlig a bha a’ filmeadh san Eilean Sgitheanach. Bha e cho luachmhor a bhith ag obair air an t-seata de phrògram Tbh le na h-uimhir de chleasaichean Gàidhlig agus daoine a’ bruidhinn Gàidhlig air feadh an t-seata. Bha e cho eadar-dhealaichte bho eòlas obrach Tbh sam bith a rinn mi roimhe. Chòrd e rium gu mòr! Thàinig sin uile bho bhith a’ buannachadh aig FilmG."

 “Cha robh fios agam dè a bu chòir a bhith an dùil aig àm nan duaisean ach bha e iongantach an cluinntinn gun robh sinn air buannachadh agus gu robh e anns an roinn stiùiriche ùr as gealltanach. Is urrainn dhomh a bhith doirbh air mi fhìn agus às deidh dhomh ceumnachadh cha robh mi cinnteach dè an ath rud a bha mi airson a dhèanamh. Thug buannachadh misneachd dhomh gun robh na bha mi air a dhèanamh de dheagh chàileachd agus thug e orm tòiseachadh a’ cur a-steach airson obraichean agus an dreuchd fhaighinn aig Young Scot!”

Faodaidh sibh coimhead air Bròn air YouTube an seo.

Bròn A Gaelic Short Film cover

A bheil ùidh agad?

Airson an 15mh bliadhna de FilmG tha iad ag iarraidh air filmichean air a’ chuspair Buidhe a chur a-steach.

“Bhithinn a’ moladh FilmG do dhuine òg sam bith – dìreach falbh air a shon! Chan eil e gu diofar mura h-eil uidheamachd filmeadh agad. Feumaidh a h-uile duine tòiseachadh an àiteigin agus tha cruthachalachd a’ dol fada - dìreach tog am fòn-làimhe agad - chan eil fios agad dè a dh’ fhaodadh tachairt!”

Tha 9 duaisean ann am-bliadhna, bhon Stiùiriche as Fheàrr gu Coileanadh as Fheàrr. Faodaidh gach aon de na duaisean sin £500 - £1000 a bhuannachadh dhut 's mar sin, dè a tha thu a’ feitheamh airson?

Bidh tagraidhean gu FilmG a’ dùnadh air 9 Dùbhlachd le tachartas nan duaisean a’ gabhail àite sa Ghearran. Gheibh daoine òga barrachd a-mach mun fharpais agus na riaghailtean mu bhith a’ cur a-steach an seo.