Cothrom | Opportunity: FèisTV aig a’ Mhòd

Tha Young Scot ag obair còmhla ri Fèisean nan Gàidheal agus An Comunn Gàidhealach gus cothrom a’ thoirt do dh’òigridh a bhith mar phàirt de sgioba fhiolmaidh aig a’ Mhòd am bliadhna.

Young Scot is working in partnership with Fèisean nan Gàidheal and An Comunn Gàidhealach to give young people the opportunity to be part of a filming team at the Royal National Mòd 2019.

Dè tha a dhìth oirnn? | What are we looking for?

Tha sinn feumach air triùir no ceathrar aig a bheil a’ Gàidhlig a bhiodh comasach là trèanaidh a dhèanamh air 20/09/19. Bidh feum agad an uair sin a bhith comasach seachdain a' Mhòid (11/10/19 - 19/10/19) a' cuir seachad mar phàirt de sgioba fiolmaidh aig a' Mhòid ann an Glaschu.

We’re looking for a team of 3-4 Gaelic speakers aged 16-25 to attend a training day in Glasgow on Friday 20th September before spending a week from October 11-19th filming, interviewing and live streaming as well as other fantastic activities and opportunities!

Mar deidhinn | About Us

'S e prìomh fhèis na Gàidhlig a th’ anns Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, a’ comharrachadh cànan agus cultar na Gàidhlig, agus a’ cruthachadh chothroman dhan mhòr-shluagh pàirt a ghabhail ann am farpaisean òrain Ghàidhlig, ciùil, dannsadh Gàidhealach, dràma, spòrs agus litreachais. Ged a tha e stèidhichte air farpaisean, tha e cuideachd a’ tabhainn/tairgsinn thachartasan neo-fharpaiseach air Iomall a’ Mhòid a bhios a’ gabhail a-staigh nan seinneadairean ‘s luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba agus a’ taisbeanadh cànan agus cultar na Gàidhlig tro cheòl, dannsa, dràma, ealain agus litreachas. Tha am Mòd cuideachd na chothrom bhliadhnail do Ghàidheil ‘s Ghoill a’ cruinneachadh ri chèile gus càirdeas a dhaingneachadh ‘s dàimhean ùra a neartachadh.

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ toirt taic do leasachadh fèisean stèidhichte sa choimhearsnachd a bhios a’ teagasg ceòl traidiseanta, dannsa agus dràma do ar n-òigridh air feadh Alba. A bharrachd air sin, bidh sinn ag obair le sgoiltean airson Fèisgoil a lìbhrigeadh agus bidh sinn còmhla ri buidhnean ionadail bidh sinn a’ cumail taic ri Cèilidhean agus Dràma air Chuairt. Bidh sinn a’ ruith Blas gach bliadhna agus tha goireasan didseatach againn leithid FèisTV.

The Royal National Mòd is Scotland’s premier festival celebrating its Gaelic linguistic and cultural heritage and provides opportunities for people of all ages to perform across a range of competitive disciplines including Gaelic Music and Song, Highland Dancing, Instrumental, Drama, Sport and Literature. Although the focus is on competition, the event also offers a wide and comprehensive programme of non-competitive “Fringe” events which regularly include performances from some of Scotland’s top traditional musicians and Gaelic singers. In addition to providing a national and international platform for promotion of the Gaelic language and culture, the Mòd also represents an annual opportunity for Gaels and non-Gaels to gather and renew old friendships as well as forging new ones.

We support communities across Scotland to teach young people traditional Scottish music, Gaelic song, dance and drama skills through local Fèisean (festivals). We support Cèilidh Trails each summer which play at hundreds of venues; we run the annual Blas Festival, have established a Gaelic arts and language in education service called Fèisgoil and have an online digital channel, FèisTV.

Am Pròiseact | The Project

Tha an Comunn Gàidhealach a’ faicinn bheàrnan anns a’ chraoladh a tha a’ tighinn bhon a’ Mhòd ‘s gu bheil cothroman ann a bhith a’ leudachadh na tha air a chraoladh tro cho-obrachadh le Fèisean nan Gàidheal agus FèisTV.

After seeing a gap in provision for broadcasting from The National Mod, An Comunn Gàidhealach, together with Fèisean nan Gàidheal set up a new project to develop further broadcasting opportunities through the week of the Mod.

Ar n-Amasan | Our Aims

A’ toirt dhaoine òga cothrom a bhith ag obair tro mheadhan na Gàidhlig air cùl agus air beulaibh a’ chamara agus a bhith a’ toirt seachad seirbheis Ghàidhlig do luchd-amharc air feadh an t-saoghail le bhith a’ cleachdadh teicneòlas ùr.

We want to give young people the chance to work in Gaelic in front of and behind the camera and to provide a Gaelic service to viewers across the world using new technology.

Mu do dheidhinn | About You

Thathas an dòchas sgioba de 3-4 òganaich a thrèanadh tro mheadhan na Gàidhlig gus sgilean ionnsachadh dhaibh mar a thèid tachartasan beò, farpaisean, agallamhan, criomagan spòrsail is eile a chraoladh tro "Live Streaming” rè seachdain a’ Mhòid.

We hope to train a team of 3-4 young people in Gaelic, the training will cover live streaming, interviewing and some fun clips throughout the week. There will be opportunities in front and behind of the camera.

  • Cò: An Commun Gàidhealach agus Fèisean nan Gàidheal

  • Cuin: 11-19 An Dàmhair agus là trèanaidh ro làimhe

  • Càite: Glaschu

  • Aois: 16-25 bliadhna a dh’aois

Cur post-d gu ruairidhh@young.scot ma tha ùidh agad sa chothrom seo agus innis dhuinn carson a tha thu airson an cothrom seo fhaighinn!

Thèid air ais dhan duilleag-laighe Gàidhlig againn.

Go back to the Gaelic landing page.

Check out more opportunities to Get Involved.