Cur-Seachadan ann an Inbhir Nis | Fun Activities in Inverness

Beurla gu h-ìosail | English below

Tha Comunn na Gàidhlig air diofair tachartasan agus cur-seachadan a cuir air dòigh do dh’òigridh sa bhun sgoil agus san àrd-sgoil ann an (no faisg air) Inbhir Nis - bho ball-coise gu a bhith a’ dol a-mach air bòrd-sheasaimh!

‘S e sreath de thachartasan spòrsail a tha gu bhith air an ruith tro na saor-làithean agus bheir na tachartasan seo dhut an cothrom a bhith coinneachadh ri caraidean agus a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean ùra agus neo-fhoirmeil.

Airson clàradh, feumadh pàrant/neach-dìon post-d a chur gu shona@cnag.org, ag ainmeachadh dè an tachartas(an) anns a bheil ùidh agad, an ainm agad agus am bliadhna-sgoile anns a bheil thu. An uairsin cuiridh Shona foirm-cead air ais thugaibh a dh’fheumadh a bhith air an lìonadh le do phàrant/neach-dìon ron tachartas. Feumaidh tu a bhith clàraichte airson na tachartasan gus àireamhan a chumail reusanta air sgàth ‘s an suidheachadh le Covid agus tha na tachartasan uile gu bhith a’ gabhail àite taobh a-muigh.

Cosgaidh na tachartasan £5 agus faodar sin a phàigheadh air an latha.

Tha an liosta nan tachartasan sa phostair gu h-ìosail, ach ma tha barrachd fiosrachadh a dhìth leig fios do shona@cnag.org.

Comunn na Gàidhlig have organised a range of activities for young people in and around Inverness – from football to stand-up paddle boarding!

It’s a series of activities which will be run over the summer holidays which will give you the chance to meet up with friends and use Gaelic in new and informal settings.

To sign up, your parent/guardian needs to send an email to shona@cnag.org, stating the activity(s) you’re interested in, your name and the school year you are in. Then Shona will send a permission form back to your parent/guardian which must be filled out before-hand. You have to register for the activities to help Comun na Gàidhlig manage the attendance numbers due to the situation with Covid, and all of the activities will take place outside.

The activities all cost £5 to attend and this can be paid on the day.

You can see the list of activities in the poster above, but if you would like more information then you can contact shona@cnag.org

 

Thèid air ais dhan duilleag-làighe #YSGaelic gus barrachd fiosrachadh, cothroman agus tachartasan Gàidhlig fhaicinn.

Head back to the #YSGaelic landing page to see more Gaelic information, opportunities and events.