Cùm D' Inntinn Deimhinneach ann an Àm Èiginn.

Tha na cùisean a tha a’ tachairt san t-saoghal mun cuairt oirnn daonnan a’ toirt buaidh mòr air ar beathannan agus ar slàinte-inntinn. Tha an t-uabhas de dhaoine a’ bruidhinn mun Corona-Bhìoras an dràsta agus tha sin e fhèin na cùis dragh mòr. Chan eil thu leat fhèin an seo agus tha gu leòr daoine ann leis na h-aon cùraman agus tha rudan ann a ghabhas dèanamh a bheireas beagan toileachas dhut fhèin agus don coimhearsnachd anns an bheil thu stèidhichte.

Càraidean is teaghlach.

Leis gun fheum thu an dràsta a bhith san taigh cha mhòr ach fad an là gach là, tha sinn a-nis gun cothrom a bhith a’ faicinn caraidean is teaghlach mur eil iad a’ fuireach san taigh còmhla rinn. Na gabh dragh ge-tà - tha gu leòr is tuilleadh dòighean ann gan fhaicinn no airson còmhradh a’ chumail gun a bhith an làthair còmhla. ‘S urrainn dhut a bhidh còmhradh air am fòn, a’ gabhail dìnnear còmhla tharais air bhideo, a’ cur notaichean-guth a-null ‘s a-nall eadar a chèile air WhatsApp, no ‘s urrainn dhut gin de na mìltean do phrògraman is apps eile a’ cleachdadh – is cinnteach gun lorgar an rud a dh’obraicheas as fheàrr dhut fhèin. Tha togail-inntinn daonnan a’ tighinn oirnn uile nuair a bhruidhinneas sinn  ri ar teaghlach is caraidean agus air sgàth is sin, tha e gu math cudromach gun chleachdas sinn na gnìomhan a tha fosgailte dhuinn.

Bi faicilleach mu na chreideas tu bhon t-eadar-lìon.

Ged’s gu bheil deagh-rùintean aig a mhòr-chuid air an t-eadar-lìon, chan eil a h-uile rud a leughas tu gu bhith ceart. Cùm d’ aire a-mach airson tobraichean naidheachd oifigeil (den leithid a’ BhBC) agus bheir sùil air làraich-lìon COVID-19 an Riaghaltais airson an fhiosrachadh as nua-aimsireil mu buaidh a’ Chorona-Bhìoras ann an Alba.

Cuimhnich, chan fheum thu a bhith a’ coimhead na naidheachdan gach là ma tha e a’ cur dragh ort. Gabh beagan àm dhut fhèin agus cur às leis an fhòn-làimhe airson greiseag. Bheir sùil air an iomairt #PowerPause againn gus beachdan fhaighinn airson beagan àm a’ cur seachad air falbh bhon sgàilean.

Cùm do fhèin fallain is arranta. . .

Mur eil thu comasach an urrad de dh’ eacarsaich a’ dhèanamh taobh a-muigh ‘s a bhiodh tu an dùil, smaoinich mu dòighean eacarsaich a’ dhèanamh aig an taigh. ‘S urrainn dhut goireasan den leithid YouTube no na meadhanan sòisealta a’ cleachdadh gus clasaichean yoga, togail chuideaman is iomadh dòigh eacarsaich eile a’ lorg!

. . .Ach gabh beagan fois cuideachd.

Tha e dìreach cho cudromach began fois a ghabhail agus beagan àm a cur seachad air falbh bho na rudan a tha a’ cur dragh ort san t-saoghal. Tha diofair daoine a’ gabhail fois ann an iomadh diofair dòigh, ‘s urrainn dhut leabhar a leubhadh, geama a cluich, dealbh a pheantadh no càil sam bith eile a dhèanamh a bheireas fois dhut.

Mur eil thu cinnteach mu na tha thu airson a dhèanamh gus beagan fois a’ ghabhail, leubh an artaigil a’ sgrìobh sinn mun chùis.

Gabh spòrs!

‘S docha gu bheil e a’ faireachdainn beagan neònach spòrs a’ ghabhail ann an àm èiginneach, ach tha e fhathast gu math cudromach gun dèan thu e. ‘S urrainn dhut geamaichean a’ cluich còmhla ri do chàraidean air-loidhne, film èibhinn a’ coimhead no fiù ‘s dìreach dannsa a’ ghabhail san t-seòmar-còmhnaidh!

Cuidich iad a tha mun cuairt ort.

‘S ann an amannan èiginn a tha daoine daonnan a’ tighinn còmhla gus a chèile a’ cuideachadh agus an-dràsta, fhad ‘s a tha an Corona-Bhìoras na cunnairt, tha eisimpleirean gu leòr ri lorg mu-tràth, mar eisimpleir am bùth bheag san Eaglais Bhreac a bha a’ toirt seachad pacannan slàintealachd seachad dha na daoine as seinne san sgìre no an iomairt meadhanan sòisealta #ViralKindness.

‘S docha gu bheil thu comasach do nàbaidh a tha began nas sinne a’ cuideachadh le bhith a’ ceannach na tha dhìth orra fhad ’s a tha thu fhèin aig a’ bhùth air là, no ‘s docha gun urrainn dhut carthannas a’ cuideachadh le bhidh a’ toirt tabhartas – càil sam bith a bheireas taic dha na daoine nad coimhearsnachd. ‘S urrainn dhut barrachd fiosrachadh a’ lorg mu na tha dhìth nad sgìre ann an buidhnean Facebook ionadail is buidhnean eile den leithid.

Ma thathar a’ toirt taic do cuideigin sa choimhearsnachd ann an dòigh a tha a’ toirt oirbh a bhith ann am fochair a chèile, feumar a bhith cinnteach nach eil buaidhean a’ Chorona ort agus nach eil thu air a bhith an taic ri cuideigin a tha tinn leis. Nigh do làmhan cho tric ‘s a ghabhas dèanamh agus lean na riaghailtean ùr bhon riaghaltas gus thu fhèin a’ cumail sàbhailte is slàinteachail.

Chaidh an iomairt Scotland Cares air bhog aig deireadh a’ Mhàirt gus a bhith a’ toirt air daoine a bhith cuideachadh sna sgìrean ionadail aca. Lorg barrachd an seo.

Faighneachd airson taic nuair a dh’ fheumas tu ì.

Cuimhnich gu bheil taic a dhìth oirnn uile air uairibh. Tha e daonnan doirbh a bhith bruidhinn mu do ghluasan-inntinn, ach cha bu chòrr dha sin a cur stad ort a bhidh bruidhinn ri caraidean is teaghlach nuair a tha thu a faireachdainn mi-thoilichte. ‘S docha gum biodh e math dhut na gliocasan a th’ againn mu a bhith a’ faighneachd airson taic a’ leubhadh ma thathar mi-cofhurtail leis a’ chùis.

A bheil beachdan sam bith eile agad airson a bith deimhinneach ann an àm èiginn? Cur fios thugainn tro na cunntasan Instagram, Facebook no Twitter againn no cur post-d gu contents@young.scot.

Lorg barrachd fiosrachadh mun Corona-Bhìoras (COVID-19) an seo.

Thèid air ais dhan duilleag-laighe Gàidhlig.