Ag Ionnsachadh Ionnsramaid-Ciùil

Nuair a tha thu air an taghadh a’ dhèanamh gu bheil thu airson ionnsramaid-ciùil ùr ag ionnsachadh tha e daonnan doirbh obrachadh a-mach far am bu chòrr dhut a bhidh tòiseachadh. Mar sin, seo agad na gliocasan againn air a’ chuspair!

A taghadh an ionnsramaid ceart

An e do chiad turas a’ feuchainn ri ionnsramaid-ciùil ag ionnsachadh? Mur e, ‘s docha gum biodh e na b’ fheàrr dhut ionnsramaid a’ taghadh nach eil a’ chosg an t-uabhas airgead, an giotàr no an fìdeag mar eisimpleir. ‘S urrainn dhut an uair sin sgilean ciùil ag ionnsachadh gun a bhidh a cur seachad mòran airgead agus bidh thu comasach ionnsramaid diofraichte a tha a’ chosg beagan a bharrachd as dèigh seo. Cuidichidh na sgilean a dh’ ionnsaich thu air a chiad ionnsramaid leis a bhidh ag ionnsachadh ciamar a chluicheas tu an dàrna fear agus bidh cothrom agad cuideachd obrachadh a-mach ma tha thu airson cumail ag ionnsachadh.

Ma tha thu cinnteach gur e dìreach ionnsramaid a tha beagan chosgail a tha thu airson ionnsachadh, am bogsa-ciùil no na drumaichean mar eisimpleir, ‘s urrainn dhut gan ceannach ath-làimhe. Ma dhèanadh tu sin cha bhiodh an cosgais ceart cho àrd ‘s a bhiodh e airson ionnsramaid talc-ùr.

Piano Keys Being Pressed GIF

Feuch an ionnsramaid ron a bhidh ga cheannach

‘S e an dòigh as fhasa dèanamh cinnteach gu bheil thu air an ionnsramaid ceart a’ taghadh dhut fhèin a bhidh ga fheuchainn ron a bhidh ga cheannach. Bheir seo dhut beachd mu na tha i gu bhidh coltach nad làimh agus cuideachd an seòrsa fuaim a chruthaicheas i. Mar nach eil thu comasach an ionnsramaid a’ cluich idir biodh e math ma bha càraid agad ann a tha comasach ga chluich gus an ionnsramaid fheuchainn dhut.

A’ ceannach ionnsramaid ann am bùth-ciùil

‘S e seo an dòigh as fheàrr ionnsramaid-ciùil ùr a cheannach. Ged ‘s gum bidh thu ‘s dòcha comasach prìsean beagan nas ìsle a’ lorg air-loidhne, cha bhiodh an cothrom agad na h-ionnsramaid fhiachainn agus tha teansa ann le bhidh ga cheannach air-loidhne gun tèid i a’ mhilleadh sa phuist.

Chan eil trioblaidean den leithid a’ nochdadh idir anns a’ bhùth-ciùil  agus tha buannachd mòr eile ann – na luchd-obrach! Bidh iad toilichte do chuideachadh agus bidh fiosrachadh gu leòr is tuilleadh aca mu na diofair h-ionnsramaidean is co-innealan a tha ri fhaighinn sa bhùth.

‘S urrainn dhut innse dhaibh mun seòrsa ionnsramaid a tha thu airson ceannach, an ìre cluich aig a bheil thu agus am buidseat agad agus nì iad cinnteach gum faigh thu an ionnsramaid ceart agus na diofair nithean air a bhios feum agad.

Man showing a woman a selection of fiddles

Leasanan

Bidh fheadhainn de daoine toilichte is comasach gu leòr iad fhèin a’ teagaisg ach bidh cuid eile airson leasanan fhaighinn. Gu tric tha leasanan ri fhaighinn tron sgoil agad ach tha ceudan de luchd-theagaisg phrìobhaideach ann cuideachd. Bidh leasanan air leth feumail airson na diofair sgilean-bunaiteach agus na sgilean-adhartach ciùil ag ionnsachadh.

Tha an t-uabhas ri lorg air làraich-linn mar YouTube cuideachd agus mar sin tha dòighean ann na diofair sgilean-ciùil ag ionnsachadh gun a bhidh a’ pàigheadh airson leasanan.

Cuimhnich ge-tà ged ‘s gun urrainn leasanan a bhidh beagan cosgail, ‘s iad an dòigh as fheàrr ionnsachadh leis gu bheil neach-teagaisg ann airson do chuideachadh agus gheibh thu leasanan pearsanaichte – rudan nach fhaigh thu air YouTube.

Amasan

Tha thu a-nis air an ionnsramaid-ciùil ùr agad a’ ceannach agus tha thu air taghadh a’ dhèanamh eadar leasanan fhaighinn no gad theagaisg fhèin, meal do naidheachd!

Airson adhartachadh gu luatha tha e cudromach amasan a’ cruthachadh dhut fhèin. Bu chòrr dhut dhà diofair seòrsa amasan a’ cruthachadh, amasan geàrr-ùine agus amasan fad-ùine.

Amasan geàrr-ùine

Bu chòrr iad seo a bhidh furasta ruigsinn ann an àm nach eil ro fhada, ‘s docha seachdain no dhà no mìos aig a char as fhaide is iad na rudan beaga a tha thu airson ag ionnsachadh gus a’ dhèanamh na h-amasan fad-ùine agad na b’ fhasa ruigsinn.

Amasan fad-ùine

Cruthaich amasan fad-ùine dhut fhèin a tha nas doire ruigsinn agus a bheireas barrachd ùine. ‘S e iad seo na clachan-mìle mòr a tha gu bhidh a’ sealltainn dhut dìreach cho fada ‘s a tha thu air a’ dhol agus na tha thu air ionnsachadh.

Ge bith dè na h-amasan  a cruthaicheas tu dhut fhèin, dèan cinnteach gun ruig thu iad. Bheir iad misneachd dhut leis a bhidh a’ sealltainn dhut na tha thu air ionnsachadh mu thràth agus dè an ath rud air a bheil thu gu bhidh ag obair.

Cleachdadh

Tha cuid de na luchd-ciùil as fheàrr san t-saoghal a’ cur seachad faisg air ochd uairean a thìde a’ cluich gach là. Chan fheum thu fhèin an urrad de àm sin a’ cur seachad ge-tà. Ma chuirear seachad fiù ‘s leth uair a thìde a’ cluich gach là, cuireadh e iongnadh ort an diofair a dhèanadh e dha na sgilean-ciùil agad. Nì cleachdadh cinnteach!

Girl playing guitar in her bedroom

Ionnsaich an teòraidh

Tha fios againn nach e am pàirt spòrsail a th’ anns a bhidh ag ionnsachadh an teòraidh ach ‘s e rud gu math cudromach a th’ ann. Nì seo diofair mòr dha na sgilean ciùil agad agus cuidichidh e thu leis a bhidh a’ tuigsinn na h-adhbharan airson na diofair rudan a tha thu ag ionnsachadh.

Ionnsaich le càraid

‘S urrainn seo a bhidh na deagh phìos spòrs agus bidh na dithis agaibh comasach a chèile a’ cuideachadh leis na sgilean-ciùil doirbh. Ma tha thu nad pearsa farpaiseach, ‘s urrainn an co-fharpais càirdeil a bhidh na deagh bhrosnaichear dhut cuideachd.

Gabh spòrs!

‘S docha gur e seo am puing as cudromaiche san artaigil seo! Cuimhnich gun do thòisich thu ag ionnsachadh d’ ionnsramaid gus am biodh spòrs agad leis aig a’ chiad dol a-mach, mar sin na gabh cus dragh mar nach eil thu ag ionnsachadh ‘s ag adhartachadh cho luatha ‘s a bha thu an dùil – cùm ort!

Thèid air ais dhan duilleag-laighe Gàidhlig!