A' Sgrìobhadh Cunntas-Beatha

Seo agad na gliocasan as fheàrr a th' againn airson cunntas-beatha foirfe a chruthachadh.

A’ Sgrìobhadh Cunntas-Beatha

An toiseach, feumaidh tu taghadh dè an cànan anns a bheil thu airson do Chunntas-Beatha (CB) a sgrìobhadh.

'S e deagh bheachd a th' ann cunntas-beatha Beurla a sgrìobhadh, leis gu bheil an cuid as motha de na companaidhean san dùthaich ag obair tro meadhan na Bheurla, ach ann an Alba tha beagan chompanaidhean ann a tha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig cuideachd, le roinn Ghàidhlig no grunn obraichean Gàidhlig.

Nuair a tha thu a’ cur a-steach tagradh airson obair leis na companaidhean seo, no airson obrach sam bith a bhios a’ dèiligeadh ris a’ Ghàidhlig, tha e na deagh bheachd CB Gàidhlig a chuir a-steach cuideachd.

Seallaidh seo dìreach cho fileanta ’s a tha thu  agus cuideachd gu bheil thu cofhurtail  do chuid Ghàidhlig a chleachdadh.  Uaireannan, biodh e math CB Gàidhlig AGUS fear Beurla a chur a-steach, leis gu bheil teans ann nach bi Gàidhlig aig a h-uile duine a dh’fheumas do CB a leughadh. Tha seo gu h-àraidh fìor nuair nach e companaidh a tha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin a th’ ann.

Girl sitting at her laptop and typing

Ma tha thu  ag ràdh nad CB gu bheil thu fileanta sa Ghàidhlig, agus tha sin na deatamachd airson na h-obrach, feumaidh tu a bhith faiceallach nach eil mearachdan litreachaidh no gràmair ann.

Dèan cinnteach gu bheil thu ag ràdh gu bheil Gàidhlig agad ann an CB sam bith a chruthaicheas tu, fiù 's nuair nach eil e follaiseach gu bheil i feumail airson na h-obrach. Tha cànan a bharrachd sam bith na deagh rud airson CB agus ann an Alba  ‘s dòcha gum fosgail sgilean Gàidhlig dorsan a bharrachd dhut. Lorgar eisimpleir air an làrach-lin My World of Work.

Chan fheum Gàidhlig fiù ‘s a bhith an sàs san obrach airson Gàidhlig a bhith na taic dhut ann an CB. Ma tha thu a’ cuir tagradh ri obrach far nach biodh Gàidhlig deatamach, ‘s urrainn dhut fhathast a ràdh gu bheil i agad nad CB.

Dè Na Prìomh Rudan a Dh’Fheumas a Bhith Ann?

Às dèidh dhut cànan sgrìobhaidh a thaghadh, tha fhathast iomadh rud a dh’fheumas a bhith ceart nad CB a tha airidh air aire agus tìde..

Tha tòrr fiosrachaidh a bhios feumail dha companaidhean, ach cuimhnich nach fheum thu gach rud a thig thugad a chleachdadh - is e seo am pàirt as cruaidhe! Chan eil companaidhean ag iarraidh gum bi do chunntas-beatha nas fhaide na duilleag no dhà A4, mar sin tha e cudromach gum bi thu glic agus goirid leis na tha thu a’ cuir ann oir chan eil an t-uabhas de rùm agad.

Kermit the frog typing rapidly on a typewriter

Ceann-Sgrìobhaidhean Soilleir

Tha companaidhean airson CB glan, sgiobalta agus soilleir fhaicinn. Airson seo a dhèanamh, cleachd chinn-sgrìobhaidh soilleir. Cuidichidh seo thu le  bhith ga dhèanamh furasta fhaicinn na tha agad sgrìobhte mu thràth agus dè a dh'fheumas tu cuir ann fhathast.

A bharrachd air seo, bidh e cuideachail dhan neach a dh’fheumas do CB a leughadh!

Aithris-Pearsanta Annasach

Dèan cinnteach gun sgrìobh thu aithris-phearsanta ùr airson a h-uile dhreuchd ris an cuir thu tagradh. Seallaidh seo dhan chompanaidh gu bheil ùidh shònraichte agad san dreuchd agus nach eil thu air an aon tagradh a chur dhan a h-uile companaidh aig a bheil dreuchd bhàn. Bidh an uairsin cinnteach gu bheil do thagradh iomchaidh airson na h-obrach sin cuideachd.

Teisteanasan

Tha e follaiseach gu bheil e cudromach do theisteanasan a chur ann, ach chan eil feum sam bith ann a bhith a’ cleachdadh a h-uile fear dhiubh. Ma tha Àrd-Ìre agad ann am bith-eòlas, mar eisimpleir, bidh an companaidh coma ma tha Nat 5 agad san aon chuspair, leis gu bheil teisteanas nas àirde agad. Ma dh’fhàgas tu a-mach iad, bidh an CB agad nas sgiobalta agus nas soilleire.

White scroll tied up by a red ribbon

Cur-Seachadan

Sgrìobh beagan mu na cur-seachadan agad gus beagan phearsantachd a shealltainn. Tha companaidhean airson ionnsachadh beagan mu cò thu agus cuideachd, 's e cothrom a tha seo innse dhaibh mu sgilean sam bith a tha thu air a thogail bho na cur-seachadan sin, mar eisimpleir, obair-sgioba no misneachd.

K-Pop band dancing routine

Coileanaidhean

An àite liosta mòr de choileanaidhean a chruthachadh nach eil a’ bhuntainn ris  an obair, cruthaich liosta nas giorra - ‘s dòcha dìreach dhà no trì coileanaidhean a tha a’ sealltainn rudan cudromach, mar dhuaisean agus na sgilean-gluasadach a dh’ionnsaich thu bhuapa, no bho sheann obraichean agus cur-seachadan.

Fiosrachadh-Conaltraidh

Dèan cinnteach gu bheil d’ fhiosrachadh-conaltraidh ceart agus nua-aimsireil!

Tha seo gu math follaiseach, ach mur eil d’ fhiosrachadh-conaltraidh ceart, cha chluinn thu bhon chompanaidh ma tha agallamh agad. Dèan cinnteach gu bheil do sheòladh post-d freagarrach cuideachd. Ma tha seòladh post-d gòrach no mì-fhreagarrach agad, cruthaich fear ùr!

Ma tha sibh ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu chunntasan-beatha no tagraidhean-obrach a’ sgrìobhadh, bheir sùil air My World of Work no na h-artaigilean Beurla againn, writing the perfect CV agus trouble writing your CV.

Thèid air ais dhan duilleag-laighe Gàidhlig!