40 Gnìomhan Lockdown

Tha e doirbh d' àm saor a’ lìonadh an-dràsta air tàille na riaghailtean lockdown, ach tha gnìomhan gu leòr is tuilleadh a ghabhas dèanamh mun cuairt an taighe.

1. Clas Bèicearachd air Instagram.

Sliced freshly baked bread

Tha iomadh diofair cunntas air Instagram a tha a’ clàradh clasaichean bèicearachd. Mar eisimpleir tha Bread Ahead Bakery air a bhith a’ cur a-mach bhideothan sruthach beò anns a bheil iad air aran, brownies, taoiseagan is eile a fhuineadh mu-thràth.

2. Thèid dhan Sù Gun Fhiù an Taigh Fhàgail.

Giant panda sitting and eating bamboo amongst foliage.

‘S urrainn dhut na camarathan-lìn beò a tha sna cràthan-beathaich a’ coimhead an asgaidh air làraich-lìn Sù Dhùn Èideann. Faodaidh tu sùil a’ toirt air pandathan-mòra, cinn-fhionna, tìgearan agus mathain-Koala beò aig àm sam bith tron là. Lorgar fiosrachadh inntinneach mu na diofair beathaichean air an làraich-lìn cuideachd.

3. Ionnsaich Cànan Ùr.

‘S urrainn dhut àm a cur seachad ag ionnsachadh cànan ùr. Tha cùrsaichean ionnsachaidh ri lorg airson iomadh diofair cànan air an aplacaid agus làraich-lìn aig Duolingo.

4. Èist ri Pod-Chraolaidh.

Tha pod-chraolaidhean ri lorg nam mìltean air loidhne. Chan eil e gu diofair dè cuspair anns a bheil uidh agad, lorgar co-dhiù eadar-sgeul a tha a’ dèiligeadh leis agus ‘s dòcha fiù ‘s sreath dhiubh!

5. Bheir Sùil air Cinn-Uidhe Turasachd Àlainn.

A very quiet city square in front of the Milan Cathedral.

Cuid as motha den àm, tha na h-àitichean seo làn luchd-turais is iomadh daoine eile, ach tha iad a’ coimhead gu math diofraichte an-dràsta. A bheil thu riamh air a bhith airson Pràg, Venice no An Ròimh fhaicinn? ‘S urrainn dhut an dearbh rud a’ dhèanamh tharais air na camarathan-lìn beò seo.

6. Coimhead Beagan Shakespeare.

A bheil thu measail air an thèatar? Tha Rob Myles air am buidheann The Show Must Go Online a tòiseachadh is e ag amas air na dealbh-cluichean Uilleam Shakespeare air fad a’ cur an gnìomh tharais air Zoom agus YouTube, le taic bho sgioba-cluiche làn actairean o fheadh an t-saoghal.

7. Coimhead Cuirm-Chiùil.

Chan eil thu comasach cuirmean-chiùil a frithealadh an-dràsta, ach chaidh an t-uabhas dhiubh glacte le camarathan agus thathar a-nis ri lorg air-loidhne. Seo agad liosta 10 cuirmean-ciùil a ghabhas coimhead air loidhne.

8. Gabh Turas Mun Cuairt Taigh-Tasgaidh.

Phrenology study case, miniature phrenological heads.

Tha thu comasach sùil a’ toirt air na diofair buill-ealain a th’ aig am British Museum san cruinneachadh aca.

9. Gabh turas anns na Pàircean Nàiseanta Aimeireagaidh.

Leis gu bheil Google Earth ann, tha thu comasach turas a’ ghabhail anns na Pàircean Nàiseanta Aimeireagaidh – fiùs nuair nach eil thu comasach a bhith a’ siubhail!

10. Geama Pictionary Còmhla Ri Ròbot.

Faodaidh tu an geama ‘Quick Draw’ aig Google a’ cluich an-asgaidh.

11. Eurovision

Ged ‘s nach eil cuirm Eurovision gu bhith againn am bliadhna, chan fheum thu a bhith a’ caill a-mach. Tha luchd-cluiche na bliadhna uile ri fhaicinn air seanail YouTube Fharpais Òran Eurovision!

12. Class Còcaireachd Còmhla ri Massimo Bottura.

Tha taigh-bìdh aig a bheil 3 ruinneagan Michelin aig Massimo Bottura agus taighean-bìdh eile cuideachd. A-nis tha e a’ teagaisg clasaichean còcaireachd an-asgaidh agus chì thu iad air an cunntas Instagram aige gach oidhche.

13. Dealbhadh Còmhla Ri Sgead-Dhealbhaiche Cloinne.

Tha Mo Williams airson ‘s gun ionnsaich daoine air feadh an t-saoghal sgilean dealbhaidh agus sgrìobhaidh an-asgaidh.

14. Leabhraichean-Èisteachd agus Sgeulachdan Goirid.

Tha Audible a-nis a’ toirt seachad roghainn mòr leabhraichean an-asgaidh.

15. Eacarsaich Còmhla Ri Joe Wicks.

Tha an gùru eacarsaich, Jo Wicks, a nis na tidsear P.E. dhan dùthaich air fad! Lorgar na clasaichean aige air YouTube gach là aig 9:00 sa mhadainn.

16. Ionnsaich Ciamar an Dèan Thu Pasta Aig an Taigh.

Tha teaghlach Eadailteach (a tha animal san Eadailt leis gu bheil am pasta aca cho math!) a’ teagaisg clasaichean còcaireachd aig an taigh. ‘S urrainn dhut a bith ag ionnsachadh ciamar an dèan thu am Pasta agad fhèin “from scratch”!

17. Ionnsaich Coirèanais Còmhla Ri BTS!

BTS K-Pop group give thumbs up signs.

Tha an còmhlan-ciùil Coirèanaich BTS airson ‘s gun ionnsaich na spèisearan aca beagan Coirèanais anns an àm saor aca! Gabh an cothrom a bhith ag ionnsachadh mu cànan, dùthaich agus cultar annasach.

18. Seal air na Culaidhean-Iongnaidh Disney.

Ged ‘s gu bheil am pàirc fhèin dùinte an-dràsta, ‘s urrainn dhut fhathast fhaicinn grunn de na culaidhean-iongnaidh aca air YouTube!

19. Rach a Hogwarts.

Harry Potter characters, Hermione and Ron attend a charms class.

A bheil thu airson a bhith nad buidseach no bana-bhuidseach? Uill, seo do chothrom! ‘S urrainn dhut do thaigh-sgoile a’ taghadh agus cùrsaichean a’ ghabhail air an làraich-lìn Hogwarts is Here.

20. Gabh fois air an tràigh.

View of the beach at Hotel Del Coronado, San Diego

Tha sinn uile airson a bhith aig oir na mara san samhradh  Uill, bheir sùil air an camara-lìn seo.

 21. Beagan Saidheans.

Gif of a man performing science experiment - he adds two clear liquids together in a large beaker and a chemical reaction takes place, creating a large amount of foam.

A bheil thu airson leasanan saidheans fhaighinn an-asgaidh? Lorgar an dearbh rud air an làraich-lìn Mystery Science.

22. Ionnsaich Sgilean Coimpiutaireachd.

Ma tha thu airson sgilean coimpiutaireachd is prògramachaidh ionnsachadh, ‘s urrainn dhut sin a’ dhèanamh air an làraich-lìn seo an-asgaidh.

23. Lìon Bogsa-Cuimhne.

Lorg bogsa a tha mòr gu leòr agus lìon e le cuimhneachan agus faighear cothrom a bhith a’ coimhead orra san àm ri teachd.

24. Cruthaich Pàipear-Mache.

A laptop made of paper mache

A bheil thu airson pàipear-mache a’ deasachadh san taigh? Seall air ciamar an nì thu sin air an làraich-lìn GoodtoKnow.

25. Sgrìobh Sgeulachd.

Chan eil càil de dh’ fhios dè chruthaicheas tu – ach tha sinn cinnteach gum bith spòrs agad fhad ‘s a tha thu ga dhèanamh!

26. Cluich Geama-Bùird.

Monopoly, Nathraichean is Àraidhean, Cluedo – Uile nan deagh roghainnean!

27. Cruthaich Craobh-Seanchais.

Dè cho eòlach ‘s a bheil thu air eachdraidh do theaghlach? Gabh an cothrom beagan rannsachadh a’ dhèanamh agus cruthaich craobh-seanchais!

28. Ionnsaich Origami.

Origami elephant

Tha sinn cinnteach gu bheil pàipear agad a’ laighe mun cuairt. Cleachd e gus beagan Origami ionnsachadh! Lorgar stiùireadh air an làraich-linn Origami-Instructions.

29. Ionnsaich Dannsa Ùr.

Guest perform a TikTok dance on the American TV show Fallon Tonight

Luchdaich a-nuas TikTok agus ‘s urrainn dhut dannsa ùr ag ionnsachadh gach là ma thogras tu!

 30. Glan do Bhruisean-Mhaise.

Chan eil e math dhut a bhith a’ cleachdadh bruisean-mhaise salach agus bu chòir dhut a bhith an glanadh gu tric – bidh do chraiceann taingeil dhut air a shon!

31. Sgioblaich do phreas-aodaich.

Animated young person sifts through their wardrobe

‘S urrainn dhut fiù ‘s cùram-fhasain a cur air dòigh san taigh.

32. Cur Seachad Began Àm sa Ghàradh.

A puppy playing in a garden

Tha e cudromach gun cur thu seachad beagan àm taobh a-muigh na taighe gus am faigh thu beagan Beòthaman D.

33. Coimhead Seann Fhilm.

Jesse, Woody and Bullseye, from Toy Story, sit down to watch a show or film

Carson nach coimhead thu do roghainn filmichean bho nuair a bha thu òg?

 34. Cluich Geama.

Chan fheum thu fiù ‘s sgillinn ruadh a chosg air geamannan den leithid ‘I Spy’ no ‘Stad am Bus’.

35. Sgrìobh Litir.

Sgrìobh litir shut fhèin. Sgrìobh mu na dùilean agad agus cur an litir air falbh ann an àite sàbhailte. Uaireigin san àm ri teachd ‘s urrainn dhut an litir fhosgladh gus fhaicinn cho ceart no ceàrr ‘s a bha thu.

36. Còmhradh Bhideo Còmhla Ri Caraidean is Teaghlach.

Chan eil e cuidichte dhut a bhith a’ cèilidh air caraidean is teaghlach an-dràsta ach tha ‘s urrainn dhut ‘fòn’ a cur thuca air Zoom, Facebook Messenger, WhatsApp no meadhan sam bith eile den leithid. Faodaidh tu ‘video call’ a’ dhèanamh air an cuid as motha de mheadhanan agus mar sin ‘s urrainn dhuibh fiù ‘s fhaicinn càch a chèile.

37. Cartadh-Cèitean.

Girl cleaning her room while listening to music and dancing

Tha an Cèitean oirnn agus feumaidh sinn uile barrachd àm a cur seachad nar taighean ‘s nar seòmraichean-leapa air tàille na riaghailtean lockdown. ‘S docha gum biodh e math began cartadh-Cèitean a dhèanamh gus àite spaideil, cofhurtail agus glan a thoirt dhut.

38. Peant D’ Ìnean.

Chan eil gin againn gu bhith comasach a’ dol dhan salon-ìne. Gabh an cothrom is cur peant air d’ ìnean fhèin!

39. Sgrìobh liosta dùilean-beatha Siubhail.

Sgrìobh sìos ainmean na h-àitichean anns an t-saoghal air a bheil thu airson cèilidh. Bidh àm oirnn a-rithist far an urrainn dhuinn a bhith a’ siubhail agus tha aislingean ceadaichte fhathast!

40. Èist Ris an Ceòl as Feàrr Leat.

Adventure Time character, Jake the Dog, listening to music

Èist ri beagan ceòl, seinn ann am fochair ris agus ‘s dòcha gum bith thu fiù ‘s airson dannsa a’ ghabhail!

Thèid air ais dhan duilleag-laighe YSGàidhlig.