10 Gliocasan Airson Ath-Sgrùdadh agus Ionnsachadh
Seo agad na gliocasan againn airson ionnsachadh is ath-sgrùdadh!
- 1. Cuidichidh gach pìos beag
-
Cuidichidh gach nì a dhèanas tu. Fiù ‘s na rudan beaga mar a bhidh a’ dèanamh d’ obair-dhachaigh gach seachdain. Leis gu bheil thu a’ dol tharais air na dh’ ionnsaich thu san sgoil mu-thràth, ‘s e ath-sgrùdadh a tha seo ann an dòigh.
- 2. Cruthaich gnàth-chùrsa
-
Ma chruthaich thu gnàth-chùrsa dhut fhèin airson d’ obair-dhachaigh is ath-sgrùdadh eile a’ dhèanamh tron bliadhna air fad, bidh e tòrr nas fhasa dhut agus bidh fada nas lugha agad air fhàgail ri dhèanamh nuair a ruigeas àm nan deuchainnean.
- 3. Cur seachad beagan àm a’ sgrùdadh
-
Cur seachad beagan àm gach là, no co-dhiù gach seachdain, a’ sgrùdadh na prìomh puingean is faclan bho leasanan na seachdaine gus a’ dhèanamh cinnteach gu bheil thu gan tuigsinn uile is gu bheil thu eòlach orra.
- 4. Tha planadh air leth cudromach
-
Cruthaich clàr-ama airson an àm a dh’ fheumas tu a’ cur seachad air d’ obair-dhachaigh agus ath-sgrùdadh. ‘S urrainn dhut cuideachd àm a’ cur a-steach ann airson cur-seachadan agus àm saor-thoileach.
- 5. Cleachd dathan
-
Sgrìobh a-mach notaichean ann an dòigh a bhiod furasta leubhadh is tuigsinn nuair a tha dith agad orra. Cleachd dathan, diagraman, beàrnadh agus ceann-sgrìobhaidhean gus notaichean snasail a’ cruthachadh.
- 6. Bris sìos i
-
Cleachd gleusan cuimhneachaidh is cleasan eile den leithid airson cùisean a’ dhèanamh nas fhasa dhut cuimhneachadh – mar eisimpleir, sa Bheurla chanar ‘Never eat shredded wheat’ airson an òrdugh ‘North, East, South, West’ cuimhneachadh.
- 7. Cùm am fiosrachaidh ùrail
-
Dèan cinnteach gu bheil thu a’ dol tharais air obair is fiosrachaidh a tha beagan nas sinne cuideachd gus ga chumail ùrail nad cuimhne.
- 8. Bidh eòlach air na pìosan as cudromaiche
-
Dèan cinnteach gu bheil eòlas domhainn agad air na faclan is puingean as cudromaiche anns gach cuspair. Cleachd soillsichearan in nithean den leithid gus toirt air na rudan cudromach a bhidh a’ seasamh a-mach.
- 9. Cùm d’ obair eagraichte
-
Sgrìobh an ceann-là aig mullach gach pìos obrach agus cùm a h-uile càil ann an òrdugh. Leis a bhidh a’ dèanamh seo bidh e fada nas fhasa dhut am fiosrachadh ceart a’ lorg nuair a dhith.
- 10. Toisich!
-
Na fàg e dhan mionaid mu dheireadh, no fiù ‘s a-màireach ron tòisich thu. ‘S e an dràsta fhèin an àm as fheàrr airson tòiseachadh!