10 Gliocasan airson Sàbhailteas Geamaireachd

Ma tha thu a’ geamaireachd air-loidhne leat fhèin, còmhla ri do chàraidean no gu h-àraidh ma tha thu a’ cluich còmhla ri luchd-aineol, tha e cudromach gum bidh thu mothachail air na cunnartan.

Cleachd na gliocasan againn air a’ chuspair gus a bhidh cinnteach gu bheil thu sàbhailte fhad ‘s a tha thu a’ geamaireachd.

1. Dèan d’ inneal tèarainte

Dèan cinnteach gu bheil do cachaileith-theine nua-aimsireil no bidh daoine comasach do choimpiutair a’ bheàrnadh, bhìorasan a’ cur a-steach ann no am mion-fhios agad a’ ghoid.

2. Cùm do dhearbh-aithne dìobhair

Cha bu chòrr d’ ainm, là-bhreath no càil sam bith pearsanta eile a bhidh nad ainm-cleachdte. ‘S urrainn iad seo uile cuideigin a’ cuideachadh leis do dhearbh-aithne a’ ghoid. Cuideachd, ma tha dealbh geàrr-thuairisgeul na avatar a dhith, na cleachd fèineag idir.

3. Cruthaich facal-faire làidir

Dèan fada is làidir i. Cleachd measgachadh de caractaran beag is caractaran mòr agus cleachd àireamhan cuideachd. Na cleachd faclan a’ ghabhas tomhais, mar eisimpleir ainmean, ach aig an aon àm dèan cinnteach gum bi cuimhne agad air!

4. Cùm do mhion-fiosrachaidh dìobhair

Nuair a tha thu a’ geamaireachd còmhla ri daoine-aineol tha e cudromach gun cùm thu d’ ainm agus mion-fiosrachaidh eile dìomhair. Ma tha thu a’ cluich le measgachadh de càraidean is luchd-aineol, cleachd na h-ainmean-cleachdaidh agaibh nuair a tha sibh a’ bruidhinn eadar a chèile, an àite na h-ainmean ceart agaibh.

5. Blocaich agus cur aithisg

Bidh amannan ann nuair a tha thu a’ cluich air loidhne far an nochdas burraidheachd agus ‘s urrainn seo buaidh a’ toirt air daoine is iad a’ faireachdainn mi-chofhurtail. Nuair a thachras seo ‘s urrainn dhut do phàrantan innse agus/no am fuincsean ‘blocaich agus cur aithisg’ a’ cleachdadh.

Tha e cuideachd cudromach a bhidh a’ smaointinn mun taobh eile agus a’ dèanamh cinnteach nach eil thu a’ toirt buaidh den leithid air daoine eile air-loidhne. Dèan gnìomh san dòigh a bhiodh tu airson fhaicinn bho cluicheadairean eile.

6. Bidh faicealach mu cosgaisean falaichte

Tha an t-uabhas de geamaichean ann a ghabhas cluich an-asgaidh, ach feumar a bhidh faiceallach mu cosgaisean falaichte. Tha cuid de na companaidhean a tha air na geamaichean seo a’ cruthachadh airson gum pàigh thu airson inbhean is feartan ùra agus chan eil seo an còmhnaidh follaiseach. Cuir air cois facal-faire a dh’ fheumar cur a-steach gach turas a tha thu airson rudeigin a’ ceannach tabh a-staigh nan geamaichean gus a’ dèanamh cinnteach gum bidh fios agad gach turas ‘s a tha cosgais ann. Tha seo gu h-àraidh cudromach ma tha ceangail eadar do chunntas geamaireachd agus cairt-bhanca do phàrantan.

7. Bidh faicealach le camarathan-linn is maicreafònaichean

Tha camarathan-linn agus maicreafònaichean nan deagh innealan airson a bhidh bruidhinn ri do chàraidean fhad ‘s a tha thu a’ geamaireachd. Tha e cunnartach iad seo a’ cleachdadh nuair a tha thu a’ cluich còmhla ri luchd-aineol ge-tà. Ma dh’ fheumar maicreafòn a’ cleachdadh ‘s docha gum biodh e na deagh bheachd tionndaire-guth a’ chleachdadh.

8. Chan fheum thu buannachadh

Cuimhnich nach fheum thu gach geama a’ buannachadh! Tha còrr agad a bhidh a’ gabhail spòrs fhad ‘s a tha thu a’ geamaireachd agus tha e uaireannan furasta sin dhìochuimhnicheadh nuair a tha thu air geama no dhà a’ chall.

9. Gabh fois

Tha e cudromach d’ àm a’ bhriseadh suas fhad ‘s a tha thu a’ geamaireachd – ‘s e còig mionaidean deug a-mach a gach uair a thìde a thathar a’ moladh. ‘S urrainn duilgheadasan-slàinte a’ nochdadh leis a bhidh a’ geamaireachd cus agus ‘s urrainn beagan àm air falbh bhon sgrìn cuideachadh do shùilean, d’ eanchainn agus fiù ‘s do chuid geamaireachd cuideachd!

10. Na luchdaich a-nuas geamaichean ach bho bunan earbsach

Tha an Apple Store, am Playstation Store, Google Play, am Microsoft Store agus bùithtean air-loidhne eile den leithid gu math earbsach agus sàbhailte. Na cleachd ach iad seo no bidh cunnart ann gun tèid bìorasan no bathar-bog droch-rùnach eile air an luchdachadh a-nuas dhan inneal agad.

Thèid air ais dhan duilleag-laighe Gàidhlig!