Fiosrachadh Mu Thaghaidhean Pàrlamaid Westminster

Seo agad am fiosrachadh a bhios a dhìth ort mu Thaghaidhean Phàrlamaid Westminster.

Tha 650 Ball-Pàrlamaid (BP) ann gus  Sluagh Bhreatainn a riochdachadh ann an Taigh nan Cumantan (TnC). Nuair a dh’fheumas na Buill Phàrlamaid a bhith air an taghadh, ‘s e Taghadh Pàrlamaid a tha againn gus sin a dhèanamh.

Dè thachras air Là an Taghadh?

Air Là an Taghaidh bidh na bhòtairean clàraichte uile a’ dol dhan ionad-bhòtaidh ionadail aca gus an neach-tagraidh as fhèarr leotha a thaghadh. Tha diofar roinnean-pàrlamaid ann agus tha diofar mòr anns an àireamh de roinnean ann an gach dùthaich:

  • Tha 533 roinnean-pàrlamaid ann an Sasainn,
  • Tha 59 roinnean-pàrlamaid ann an Alba,
  • Tha 40 roinnean-pàrlamaid anns a’ Chuimrigh,
  • Tha 18 roinnean-pàrlamaid ann an Èirinn a Tuath.

Tha an sluagh anns gach roinn-phàrlamaid a’ taghadh BP a bhios gan riochdachadh ann an TnC. ‘S urrainn dhut faighinn a-mach cò  roinn-pàrlamaid anns a bheil thu a’ fuireach le  bhith a’ coimhead air an làraich-lìn aig Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte.

Ciamar a dh’obraicheas an siostam bhòtaidh?

‘S e siostam riochdachaidh mòr-chuideachail (RM) a tha air a’ chleachdadh san Rìoghachd Aonaichte agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil an neach-tagraidh aig a bheil an àireamh de bhòtaichean as motha anns gach roinn-phàrlamaid air an taghadh airson an roinn ud a riochdachadh mar BP. Tha an Riaghaltas an uair sin air a chruthachadh leis a’ pàrtaidh phoilitigeach aig a bheil an àireamh as motha de BPan as dèidh an taghaidh.

Tha am monarc (A’ Bhànrigh an-dràsta) an uair sin ag iarraidh air ceannard a’ phàrtaidh sin a bhith nam Prìomhaire na Dùthcha. Tha an tiotal ‘Ceannard nan Dùbhlanach’ an uair sin air a thoirt do cheannard a’ phàrtaidh a thàinig san dàrna àite san taghadh.

Gus an taghadh agad a dhèanamh air an là, feumar am bogsa ri taobh ainm an tagraiche as fheàrr leat a chomharrachadh le diog no crois.

Cò aig a tha cead-bhòtaidh?

Tha  cead agad bhòt a cur a-steach ma tha thu:

  • Clàraichte airson bhòt a chur.
  • Co-dhiù 18 air là an taghaidh.
  • Nad shaoranach Breatannach no Èireannach no nad shaoranach choingheallach a’ Cho-fhlaitheis
  • A’ fuireach aig seòladh san Rioghachd Aonaichte (no nad shaoranach Breatannach a’ fuireach thall thairis a tha air a bhith clàraichte airson bhòtadh sna 15 bliadhna a dh’fhalbh)
  • Cha bu chòir bhòtadh a bhith toirmisgte dhut airson adhbharan laghail sam bith.

‘S urrainn dhut iarraidh air bhòt tron phost, no tro neach-ionaid (proxy vote) mur eil thu gu bhith comasach a bhith aig an ionad-bhòtaidh air là an taghaidh.

Lorg barrachd fiosrachaidh mu bhòtadh tron phuist.

Cuin am bu chòir dhut do bhòt a chur a-steach agus dè bhios a dhìth ort?

Daonnan ‘s urrainn dhut do bhòt a chur air là an taghaidh eadar seachd sa mhadainn (7m) agus deich feasgar (10f).

Thig do chairt bhòtaidh sa phost agus innsidh sin dhut far a bheil an t-ionad-bhòtaidh ionadail agad. Na gabh dragh ma thèid an cairt-bhòtaidh air chall ge-tà, chan fheum thu i gus bhòtadh!

Ma bha thu an dùil bhòtadh air là an taghaidh ach tha suidheachadh-èiginn air stad a cur air sin, ‘s urrainn dhut do chlàradh fhèin airson bhòt neach-ionad èiginneach.

Feumaidh tu iarraidh air bhòt tro neach-ionad èiginneach ro còig feasgair (5f) air là an taghaidh.

Lorg barrachd fiosrachaidh mu bhòtadh tro neach-ionad.

Feumach air barrachd fiosrachaidh?

Tha fiosrachadh mu na tagraichean san roinn-phàrlamaid agad ri lorg tron chomhairle ionadail agad.

Airson fiosrachadh mun comhairle ionadail thèid dhan làrach-lìn aig COSLA.

Lorgar barrachd fiosrachaidh air na làraich-lìn seo cuideachd:

Thèid air ais dhan duilleag-laighe Gàidhlig againn!

Other content you might be interested in

All ages

How to Start Learning Gaelic

Ever fancied learning Scottish Gaelic? There’s no time like the present. Check out our tips on getting started.

How to Start Learning Gaelic
All ages

Faigh Do Chairt Young Scot

Faigh do chairt Young Scot gus prìsean nas ìsle fhaighinn, duaisean a’ buannachadh, d’ aois a’ dearbhadh agus iomadh rud…

Faigh Do Chairt Young Scot
All ages

Gaelic Phrases - Introductory

Learn some Gaelic! This article covers introductory phrases such as asking for someone’s name and how they are doing.

Gaelic Phrases - Introductory
All ages

Goireasan Gàidhlig

Liosta de ghoireasan airson Gàidhlig ionnsachadh neo a leasachadh! *Also available in English*

Goireasan Gàidhlig
All ages

What is FilmG?

John from Young Scot shares his experience with FilmG and how it’s about more than just winning an award, read…

What is FilmG?
HIDE PAGELeave this site quickly
Back to top of the page