Faigh Do Chairt Young Scot

Tha a h-uile duine eadar 11-26 bliadhna de dh’ aois a tha a’ fuireach ann an Alba comasach an Cairt Young Scot fhaighinn saor an-asgaidh. Cleachd i gus na rudan is toil leat a’ dhèanamh nas saora, duaisean às-dùnach fhaighinn, d’ aois a’ dearbhadh agus iomadh rud eile.

Dearbh D’ Aois

Tha an hoileagram PASS air gach cairt Young Scot agus tha seo a’ ciallachadh gur e dearbhachd aois laghail a th’ unnta, dìreach mar a tha do cheud-draibhidh no ceud-siubhail.

Lorg barrachd fiosrachadh mu dearbhachd aois leis an cairt Òigridh na h-Alba.

Busaichean an-asgaidh

Leis a bhidh a’ cleachdadh an cairt Young Scot agad ‘s urrainn dhut airgead a’ sàbhaladh nuair a thathar a’ siubhail ann an Alba. Gheibh sibh air busaichean saor an-asgaidh agus 1/3mh dheth an cosg trèanaichean. ‘S urrainn thu cuideachd bileagan-theist airson bàtaichean-aiseig fhaighinn saor an-asgaidh ma thathar a’ fuireach air eilean.

Lorg barrachd fiosrachadh mu prìsean siubhail nas ìsle.

Barganan Annasach

Sàbhail d’ airgead le ceudan de prìsean nas ìsle nuair a’ chleachdas tu do chairt Young Scot. Lorg barganan annasach airson ainmean-brannd iomraiteach mar the Co-Operative, Scotmid, Schue, Topshop, Go Ape!, Historic Scotland, Knockhill agus tòrr a bharrachd.

Lorg barrachd fiosrachadh mu na Barganan a tha ri fhaighinn leis an cairt Young Scot.

Young Scot Rewards

Tha Young Scot Rewards a’ leigeil ort pàirt a’ ghabhail ann an cleasaichean spòrsail agus cothroman annasach gus puingean-duais a’ chruinneachadh.

Clàraich airson Young Scot Rewards.

Nach eil cairt agad fhathast? Thèid gu ‘How to get a Young Scot card’ gus fear fhaighinn!

Thèid air ais dhan duilleag-laighe Gàidhlig!

Other content you might be interested in

All ages

How to Start Learning Gaelic

Ever fancied learning Scottish Gaelic? There’s no time like the present. Check out our tips on getting started.

How to Start Learning Gaelic
All ages

Ag Ionnsachadh Ionnsramaid-Ciùil

A bheil thu airson ionnsramaid-ciùil ùr ag ionnsachadh? Nach eil fios agad dè an dòigh as fheàrr seo a’ dhèanamh?…

Ag Ionnsachadh Ionnsramaid-Ciùil
All ages

Goireasan Gàidhlig

Liosta de ghoireasan airson Gàidhlig ionnsachadh neo a leasachadh! *Also available in English*

Goireasan Gàidhlig
HIDE PAGELeave this site quickly
Back to top of the page