Eachdraidh Ghàidhlig na h-Alba

This article is also available in English.

Chan e Ghàidhlig a-mhàin an cànan air a bheil mòran againn eòlach an-diugh, ach an eachdraidh agus an cultar cuideachd. Nuair a rinn sinn suirbhidh air mar a tha daoine òga a’ dol an sàs sa Ghàidhlig , thuirt dà thrian den luchd-fhreagairt (66.8%) gu bheil cultar agus dualchas na Gàidhlig cudromach. Tha an artaigil seo a’ dol a thoirt sùil air ais air cò às a thàinig Ghàidhlig, carson a  chrìon i agus carson a tha e air tòiseachadh a’ tighinn air ais.

Sgeul Buanadh Gàidhlig Albannach

Tha e air a’ creidsinn gun tàinig a’ Ghàidhlig à Èirinn o chionn ceudan bhliadhnaichean (timcheall air an 4mh linn) agus gur e cànan Ceilteach a th’ ann.

B’ i prìomh chànan na h-Alba, air a cleachdadh anns na meadhan aoisean nas motha na cànan sam bith eile. Nuair a rinn Alba a’ chùis air na Cruithnich (800AD), chaidh a’ Ghàidhlig air adhart gu bhith a’ gabhail àite nan Cruithneach air feadh iomadh ceàrnaidh de dh’Alba. Cha do stad i an sin nas motha, ann an taobh an iar agus ceann a tuath na h-Alba, ghabh a’ Ghàidhlig àite na Lochlannais nuair a chaidh na Lochlannaich fhuadach às an tìr.

Crìonadh na Gàidhlig Albannaich

Timcheall air 1300AD bha Gàidhlig air a sgaoileadh air feadh a mhòr cuid na h-Alba. Cha robh Gàidhlig a fàs dhan Ear-dheas air sailibh bha caochladh de dh’ Albais Thràth a’ fàs. 

Ann an 1400AD chuireadh Albais Tràth mòran den Ghàidhlig air falbh bho mheadhan na h-Alba, thòisicheadh ??an uair sin air a dhol air ais dhan Ghàidhealtachd far an robh coltas gun stadadh e airson greis gu 1700AD nuair a rachadh e air ais na b’ fhaide. Bhiodh pàirt mhòr de seo co-cheangailte ri call nan Seumasach mu dheireadh ann an 1746 a bha cronail don Ghàidhlig, le seo chuir Riaghaltas Bhreatainn stad air a h-uile càil co-cheangailte ri cultar na Gàidhealtachd. Bha seo a ciallachadh Gàidhlig na h-Alba cuideach agus b’ e sin a thòisicheadh ????ga toirt gu bhith faisg air a dhol à bith.

Thachair na Fuadaichean gu ìre mhòr eadar 1750 – 1860. Seo nuair a chaidh mòran dhaoine air a’ Ghàidhealtachd fhuadach bhon fhearann ??air an robh iad a’ fuireach agus ag obair. Bha Gàidheil ag obair air pìosan beaga fearainn ris an canar croitean, air na croitean sin bhiodh iad a’ togail bheathaichean mar crodh neo caoraich ach bhiodh iad cuideachd a’ buain bàrr. Ach cha b’ ann leis na Gàidheil a bha am fearann ??seo, ach bha e air mhàl dhaibh le uachdaran beairteach mar an Diùc Chataibh. Thuig na h-uachdarain seo gum b’ urrainn dhaibh am prothaidean àrdachadh le dìreach caoraich a bhith air an fhearann ??aca an àite a bhith air mhàl do na Gàidheil. 

?Dh’fhuadaich uachdarain na Gàidheil a-mach às an dachaighean aca agus ann an cuid de na cùisean a bu mhiosa, loisg iad na taighean aca gus toirt orra falbh. Leis nach robh àite sam bith aca airson a’ fuireach, chaidh mòran dhaoine gu bàs ann an suidheachaidhean cruaidh a’ Chinn a Tuath agus gun dòigh sam bith air biadh fhàs bha cuid bàs ? leis an acras. Chaidh mòran gu bailtean mòra mar Glaschu agus lorg iad dreuchdan ùra ann am factaraidhean. Rinn cuid eilthireachd gu dùthchannan eile gus beatha ùr a thòiseachadh air falbh bhon tubaist. B’ e Canada, Ameireagaidh agus Astràilia cuid de na h-àiteachan as cumanta airson eilthireachd a dhèanamh agus is e sin as coireach gu bheil dualchas Albannach aig cuid fhathast sna h-àiteachan sin. Dh’adhbhraich seo crìonadh mòr san àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba agus tha e air leantainn gu bheil an cànan ann an cunnart bàsachadh.

Arichonan, baile air fhuadach ann an Gàidhealtachd na h-Alba.


Mar a tha Gàidhlig na h-Alba ga ath-bheothachadh

Anns na bhliadhnaichean a dh’ fhalbh tha oidhirp air a bhith ann an cànan ath-bheothachadh.

Tha goireasan Gàidhlig gu leòr ann a-nis do dhaoine ùra aig a bheil ùidh ann an eachdraidh agus cultar na Gàidhealtachd. Toisich BBC Alba  ann an 2008 agus tha e a’ leantainn air adhart a’ cur a-mach susbaint do luchd-labhairt na Gàidhlig a bharrachd air luchd-ionnsachaidh.

Tha Gàidhlig ga teagasg ann an sgoiltean air feadh na h-Alba a tha a’ cruthachadh luchd-labhairt òga na Gàidhlig a bheir cruth air a’ chànan. Tha Gàidhlig air fàs gu math nas ruigsinneach mar chànan agus tha goireasan ann airson tòiseachadh air ionnsachadh an-asgaidh air làraich-linn mar LearnGaelic agus coimhearsnachdan mòra luchd-labhairt a tha an-còmhnaidh toilichte luchd-ionnsachaidh a chuideachadh.

Chan eil a’ Ghàidhlig a-mach às a’ choille fhathast leis gu bheil àireamh an luchd-labhairt fhathast ìosal ach an dòchas, thar ùine, gum bi leasachadh mòr air a’ chànan.

Faigh a-mach tuilleadh

Faigh tuilleadh a-mach mu eachdraidh na Gàidhlig:

Tadhail air ar duilleag Gàidhlig na h-Alba, airson barrachd fiosrachaidh, cothroman agus goireasan ionnsachaidh.

Other content you might be interested in

All ages

Meet Emma H

Meet Emma H from the Senior Phase and Youth Participation Team

Meet Emma H
All ages

Money Jargonbuster

VAT, tax, credit – what does it all mean when it comes to talking about money? Check out our jargonbuster…

Money Jargonbuster
HIDE PAGELeave this site quickly
Back to top of the page