Cùm D' Inntinn Deimhinneach ann an Àm Èiginn.

Tha na cùisean a tha a’ tachairt san t-saoghal mun cuairt oirnn daonnan a’ toirt buaidh mòr air ar beathannan agus ar slàinte-inntinn. Chan eil thu leat fhèin an seo agus tha gu leòr daoine ann leis na h-aon cùraman agus tha rudan ann a ghabhas dèanamh a bheireas beagan toileachas dhut fhèin agus don coimhearsnachd anns an bheil thu stèidhichte.

Càraidean is teaghlach.

Na gabh dragh ma tha sibh san taigh torr – tha gu leòr dòighean ann gan fhaicinn no airson còmhradh a’ chumail gun a bhith an làthair còmhla. ‘S urrainn dhut a bhidh còmhradh air am fòn, a’ gabhail dìnnear còmhla tharais air bhideo, a’ cur notaichean-guth a-null ‘s a-nall eadar a chèile air WhatsApp, no ‘s urrainn dhut gin de na mìltean do phrògraman is apps eile a’ cleachdadh – is cinnteach gun lorgar an rud a dh’obraicheas as fheàrr dhut fhèin. Tha togail-inntinn daonnan a’ tighinn oirnn uile nuair a bhruidhinneas sinn  ri ar teaghlach is caraidean agus air sgàth is sin, tha e gu math cudromach gun chleachdas sinn na gnìomhan a tha fosgailte dhuinn.

Bi faicilleach mu na chreideas tu bhon t-eadar-lìon.

Ged’s gu bheil deagh-rùintean aig a mhòr-chuid air an t-eadar-lìon, chan eil a h-uile rud a leughas tu gu bhith ceart. Cùm d’ aire a-mach airson tobraichean naidheachd oifigeil (den leithid a’ BhBC).

Cuimhnich, chan fheum thu a bhith a’ coimhead na naidheachdan gach là ma tha e a’ cur dragh ort. Gabh beagan àm dhut fhèin agus cur às leis an fhòn-làimhe airson greiseag. Bheir sùil air an iomairt #PowerPause againn gus beachdan fhaighinn airson beagan àm a’ cur seachad air falbh bhon sgàilean.

Cùm do fhèin fallain is arranta. . .

Mur eil thu comasach an urrad de dh’ eacarsaich a’ dhèanamh taobh a-muigh ‘s a bhiodh tu an dùil, smaoinich mu dòighean eacarsaich a’ dhèanamh aig an taigh. ‘S urrainn dhut goireasan den leithid YouTube no na meadhanan sòisealta a’ cleachdadh gus clasaichean yoga, togail chuideaman is iomadh dòigh eacarsaich eile a’ lorg!

. . .Ach gabh beagan fois cuideachd.

Tha e dìreach cho cudromach began fois a ghabhail agus beagan àm a cur seachad air falbh bho na rudan a tha a’ cur dragh ort san t-saoghal. Tha diofair daoine a’ gabhail fois ann an iomadh diofair dòigh, ‘s urrainn dhut leabhar a leubhadh, geama a cluich, dealbh a pheantadh no càil sam bith eile a dhèanamh a bheireas fois dhut.

Mur eil thu cinnteach mu na tha thu airson a dhèanamh gus beagan fois a’ ghabhail, leubh an artaigil a’ sgrìobh sinn mun chùis.

Gabh spòrs!

‘S docha gu bheil e a’ faireachdainn beagan neònach spòrs a’ ghabhail ann an àm èiginneach, ach tha e fhathast gu math cudromach gun dèan thu e. ‘S urrainn dhut geamaichean a’ cluich còmhla ri do chàraidean air-loidhne, film èibhinn a’ coimhead no fiù ‘s dìreach dannsa a’ ghabhail san t-seòmar-còmhnaidh!

Cuidich iad a tha mun cuairt ort.

‘S docha gu bheil thu comasach do nàbaidh a tha began nas sinne a’ cuideachadh le bhith a’ ceannach na tha dhìth orra fhad ‘s a tha thu fhèin aig a’ bhùth air là, no ‘s docha gun urrainn dhut carthannas a’ cuideachadh le bhidh a’ toirt tabhartas – càil sam bith a bheireas taic dha na daoine nad coimhearsnachd. ‘S urrainn dhut barrachd fiosrachadh a’ lorg mu na tha dhìth nad sgìre ann an buidhnean Facebook ionadail is buidhnean eile den leithid.

Faighneachd airson taic nuair a dh’ fheumas tu ì.

Cuimhnich gu bheil taic a dhìth oirnn uile air uairibh. Tha e daonnan doirbh a bhith bruidhinn mu do ghluasan-inntinn, ach cha bu chòrr dha sin a cur stad ort a bhidh bruidhinn ri caraidean is teaghlach nuair a tha thu a faireachdainn mi-thoilichte. ‘S docha gum biodh e math dhut na gliocasan a th’ againn mu a bhith a’ faighneachd airson taic a’ leubhadh ma thathar mi-cofhurtail leis a’ chùis.

A bheil beachdan sam bith eile agad airson a bith deimhinneach ann an àm èiginn? Cur fios thugainn tro na cunntasan Instagram, Facebook no Twitter againn no cur post-d gu contents@young.scot.

Thèid air ais dhan duilleag-laighe Gàidhlig.

Other content you might be interested in

All ages

Duolingo: Scottish Gaelic

Duolingo is a language learning app and has recently launched a FREE Scottish Gaelic course!

Duolingo: Scottish Gaelic
All ages

What is FilmG?

John from Young Scot shares his experience with FilmG and how it’s about more than just winning an award, read…

What is FilmG?
All ages

How to Start Learning Gaelic

Ever fancied learning Scottish Gaelic? There’s no time like the present. Check out our tips on getting started.

How to Start Learning Gaelic
All ages

Faigh Do Chairt Young Scot

Faigh do chairt Young Scot gus prìsean nas ìsle fhaighinn, duaisean a’ buannachadh, d’ aois a’ dearbhadh agus iomadh rud…

Faigh Do Chairt Young Scot
All ages

Goireasan Gàidhlig

Liosta de ghoireasan airson Gàidhlig ionnsachadh neo a leasachadh! *Also available in English*

Goireasan Gàidhlig
HIDE PAGELeave this site quickly
Back to top of the page