Tha iomadh diofair dòigh anns an urrainn dhut do chairt Young Scot a’ cleachdadh, and dà chuid taobh a-staigh agus taobh a-muigh na sgoile.
Dearbhachd Aois
Nach eil draibhear a’ bhus a’ chreidsinn gur e an fharadh-cloinne a tha còrr agad a bhidh a’ pàigheadh? Tha an cairt Young Scot ann gus do chuideachadh! ‘S urrainn dhut do chairt a’ cleachdadh sna bùithtean agus ann an taighean-seinnse nuair a tha thu na b’ aosta na 18 bliadhna de dh’ aois.
Prìsean nas Ìsle
Faigh prìsean nas ìsle air biadh, aodach agus iomadh rud eile! Bheir sùil air na diofar Barganan againn!
Rewards
‘S urrainn dhut puingean Rewards a’ cruinneachadh ann an iomadh diofair dòigh agus ‘s urrainn dhut dhan chosg air duaisean annasach! Bheir sùil air Young Scot Rewards gus fhaicinn na diofar duaisean a tha ri fhaighinn? Chan eil càil ri phàigheadh is cha bheir clàradh a-steach ach leth-mhionaid!
Siubhail
Faodaidh daoine òga a tha eadar 5-21 bliadhna a dh’aois a tha a’ fuireach ann an Alba a-nis cur a-steach airson siubhal bus an-asgaidh.
Eadar na h-aoisean 16, 17 agus 18 thathar comasach prìsean nas ìsle a’ phàigheadh nuair a tha thu a’ Siubhail ann an Alba. Gheibh thu trian far am prìs trèanaichean airson an cuid as motha de thiocaidean falbh is tilleadh agus leth far am prìs airson tiocaidean seachdaineil is mìosail.
Cur Seachadan
Ann an feadhainn de dh’ àitichean ann an Alba tha thu comasach do chairt Young Scot a’ cleachdadh aig an lann lùth-chleas no an amar-snàmh. Tha thu cuideachd comasach prìsean nas ìsle fhaighinn airson na clasaichean sna h-ionadan sin! Lorg a-mach ma tha thu comasach seo a’ dhèanamh san sgìre agad fhèin le bhidh a’ bruidhinn ris d’ oifis Young Scot ionadail.
Cairt Leabharlann
Ann an feadhainn de dh’àitichean tha thu cuideachd comasach do chairt Young Scot mar cairt leabharlann. A-rithist, bruidhinn ris an sgioba Young Scot ionadail agad gus faighinn a-mach ma tha thu comasach seo a’ dhèanamh san sgìre agad fhèin.
Solarachd Gun Airgead (Cashless Catering)
Ma thathar airidh air biadh-sgoile an asgaidh, tèid airgead a chur air do chairt Young Scot gach là agus ‘s urrainn dhut seo a chosg air biadh san ionad-bidhe na sgoile. ‘S urrainn dhut d’ airgead fhèin a’ cleachdadh air an cairt cuideachd, leis a bhidh a’ cleachdadh an t-inneal nad sgoil. Bruidhinn ris an sgioba Young Scot ionadail agad gu barrachd fiosrachaidh a’ lorg mun dòigh ‘s a tha solarachd gun airgead ag obair nad sgìre.
Nach eil cairt Young Scot agad?
Thèid dhan duilleag ‘Faigh Do Chairt’ againn gus fear ùr no ionadair fhaighinn no an dealbh atharrachadh air an seann fhear agad!
Thèid air ais dhan duilleag-laighe Gàidhlig againn!