Buidseatadh Pearsanta

Tha buidseat pearsanta glè chudromach ma tha thu airson do chuid airgid a riaghladh ann an dòigh nas èifeachdaiche. Ged a tha e an-còmhnaidh duilich sin a dhèanamh, dh ‘fhaodadh tu tòrr airgead a shàbhaladh agus beagan structair a chur ris a’ chaitheamh agad.

Seo mar a thòisicheas tu air do bhuidseat pearsanta fhèin a chruthachadh.

1. Dè an airgead a th’ agad a’ tighinn a-steach?

Elderly lady counting cash

Feumaidh beachd a bhith agad air dè an airgead a tha agad a’ tighinn a steach gach mìos gus buidseat pearsanta a chruthachadh agus tha seo furasta gu leòr a lorg.

Lorgaidh tu seo air do bhileag pàighidh, no rudeigin coltach ris, agus faodaidh airgead a thighinn a-steach ann an diofar chruthan, mar eisimpleir cosnadh fèin-fhastaidh, teachd-a-steach seilbheachd, sochairean a gheibh thu, no pàigheadh Creideas Coitcheann. Mur eil na cìsean a tha agad ri phàigheadh air an obrachadh a-mach dhut gu fhèin-obrachail, ?s dòcha gun fheum thu sin a dhèanamh dhut fhèin. Chì thu cuideachd pàighidhean cunbhalach sam bith a ‘tighinn a-steach don chunntas banca agad ann an aplacaid bancaidh agad cuideachd.

2. Dè na cosgaisean stèidhichte a th’ agad?

Animal crossing store owner, Tom Nook, hands an other character their itemised bill.

Tha e daonnan beagan nas duilghe na cosgaisean agad obrachadh a-mach.

Feumaidh tu an toiseach obrachadh a-mach na tha agad ri chosg air pàighidhean ath-chuairteachaidh stèidhichte; màl, pàighidhean morgaids is iasaid, cìs-chomhairle, cùmhnantan fòn agus mar sin air adhart. Tha iad seo furasta gu leòr a lorg agus ?s e an aon sùim a bhios agad ri phàigheadh gach mìos. Nuair a tha iomlan agad airson na cosgaisean seo, feumaidh tu a-nis obrachadh a-mach dè a tha agad ri chosg air nithean is seirbhisean eile den leithid siubhail agus biadh.

Tha e beagan nas doire na cosgaisean seo obrachadh a-mach leis gu bheil iad daonnan atharrachadh mìos air mhìos, no fiù ?s seachdain air an t-seachdain. Chan fheum àireamh mionaideach a bhith agad gus toiseach tòiseachaidh a dhèanamh ge-tà, cho fhad ‘s gu bheil beachd agad air a’ chosgais chuibheasach. Ma chumas tu greim air do bhannan-cuidhteas, ?s urrainn dhut obrachadh a-mach na tha thu air a chosg air biadh, siubhail is eile aig ceann a’ mhìos. Ma nì thu sin tharais air trì no ceithir mìosan, bidh deagh bheachd agad air na tha agad ri chosg air na rudan seo.

3. Coimeasachadh

Man performing a comparison of two imaginary objects, one to his left and on e to his right.

Aon uair ?s gu bheil thu air na cosgaisean mìosail agad obrachadh a-mach, tha thu gu bhith comasach comais a dhèanamh eadar an àireamh ud agus an sùim airgead a th’ agad a’ tighinn a-steach gach mìos. Ma tha barrachd airgead agad a’ tighinn a-steach na tha agad ri chosg gach mìos, tha prothaid gu bhith air fhàgail agad. Faodaidh tu an t-airgead seo a chuir air falbh, tasgadh a dhèanamh, fiachan a phàigheadh, no a chosg air rudan spòrsail, neo-riatanach.

Ma tha na cosgaisean agad nas àirde na do theachd-a-steach ge-tà, ?s dòcha gun fheum thu a bhith a’ gearradh sìos air cosgaisean neo-riatanach airson greiseag, ma ghabhas sin a dhèanamh.

4. Geàrr sìos air cosgaisean neo-riatanach.

Dean suas d’ inntinn air cò na cosgaisean as riatanaiche a th’ agad, m.e. biadh, agus dean comais eadar na tha iad a’ chosg ann an diofair bùithtean agus air loidhne. Fiù ?s mur eil ach beagan sgilean eatar na cosgaisean ann an diofair àitichean, chì thu eadar-dhealachadh mòr thar mìos no bliadhna ma cheannaicheas tu na stuthan as saoire. Lìonar toll mòr le clachan beaga mar a chanas iad.

Tha sinn uile airson rudan snog a cheannach dhuinn fhèin uaireannan ? ach gu mì-fhortanach, mura h-eil an t-airgead agad airson sin a dhèanamh gach mìos, ?s dòcha gun fheum thu feitheamh greiseag eadar ceannachdan den t-seòrsa sin. Am biodh tu comasach an t-airgead a shàbhaladh tharais air mìos no dhà gus ga dhèanamh nas fhasa pàigheadh?

5. Caomhnadh

A kitten protecting a wad of cash

Nuair a ruigeas tu neo-eisimeileachd ionmhasail, tha e cudromach gu bheil maoin èiginn agad ? dìreach ri linn na h-èiginn.

Biodh e na cuideachadh mòr dhut ma cuireadh tu sùim beag airgead air falbh gach mìos ? chan eil fhios cuin a bhios tu gun obair airson greiseag, no ?s docha gum bith bile dotair-bheathach agad ris nach robh thu an dùil. Mur eil maoin èiginn agad, tha cothrom ann gum feum thu iasad fhaighinn agus riadh a phàigheadh air an airgead a phàigheas tu air ais

Dè a bheil thu airson a ceannachd? Là a-mach aig an deireadh seachdain? ?S dòcha rudeigin beagan nas motha ? làithean-saora sa ghrèin ?s dòcha? Ge bith de th’ ann, tha e math rudeigin a bhith agad ris a bheil thu a’ sàbhaladh gus began spionnadh a’ toirt dhut!

Biodh e math dhut san fhad-ùine d’ airgead a sàbhaladh ro-làimh airson ceannachdan mòra, an àite barrachd a phàigheadh as dèigh iasad fhaighinn air an son.

6. Caitheamh

Kim Kardashian with a wad of cash

Nuair a thathar airson rudeigin daor a cheannach, dean cinnteachd gu bheil thu air smaointinn mu na h-adhbharan airson do roghainn.

Bu chòir dhut fhaighneachd ort fhèin ?an obraich seo dhomh airson ùine fada, no an fheum mi fear ùr fhaighinn a-rithist as-dè ùine goirid?’. Biodh tu bu ghlice, daonnan, rud àrd-chàileachd a cheannach na fear a tha beagan nas saoire ach a dh’fheumas ionadair gu luatha. Ma chleachdas sinn brògan mar eisimpleir; lorgar gu leòr de bhrògan saor ann an iomadh bùth, ach ma chosgadh tu beagan a bharrachd air brògan àird-chàileachd, mairidh iad fada nas fhaide dhut.

Tha buidseat gu bhidh taiceil dhut nuair a tha thu airson an àm ri teachd a dhealbhadh cuideachd. As-dèigh began àm, nuair a tha thu air fiachan sam bith a phàigheadh, tha barrachd airgead gu bhith agad nad phòcaid gach mìos agus faodaidh tu sin a chosg ann an dòigh sam bith a thogras tu!

Ma tha duilgheadasan ionmhais agad, dh’fhaodadh ?s gum biodh tu airidh air taic bhon riaghaltas. Mur eil obair agad, tha do theachd-a-steach ro ìosail, no ma tha duilgheadasan sam bith agad màl no morgaids a phàigheadh, ?s dòcha gu bheil thu airidh air Creideas Coitcheann.

Lorg barrachd fiosrachadh mu airgead is peinnseanan.

Read this article in English.

Thèid air ais dhan duilleag-laighe Gàidhlig againn.

Other content you might be interested in

All ages

10% off Shopping at Scotmid

Save on your supermarket shopping with this discount on food of 10% off at Scotmid

10% off Shopping at Scotmid
HIDE PAGELeave this site quickly
Back to top of the page