Nuair a tha thu air an co-dhùnadh a dhèanamh gu bheil thu airson ionnsramaid-chiùil ùr ionnsachadh, tha e daonnan doirbh obrachadh a-mach far am bu chòir dhut tòiseachadh. Mar sin, seo agad na gliocasan againn air a’ chuspair!
A’ Taghadh na h-Ionnsramaid a Fhreagras Ort
An e seo do chiad oidhirp a’ feuchainn ri ionnsramaid-chiùil ionnsachadh? Mur e, ‘s dòcha gum biodh e na b’ fheàrr dhut ionnsramaid a thaghadh nach eil a’ cosg an t-uabhas de dh’airgead, an giotàr no an fhìdeag mar eisimpleir. ‘S urrainn dhut an uairsin sgilean ciùil ionnsachadh gun a bhith a’ cur seachad mòran airgid agus bidh thu comasach ionnsramaid dhiofraichte a tha a’ cosg beagan a bharrachd a chluich as dèidh seo. Cuidichidh na sgilean a dh’ ionnsaich thu air a chiad ionnsramaid le ionnsachadh mar a chluicheas tu an dàrna fear agus bidh cothrom agad cuideachd obrachadh a-mach ma tha thu airson cumail ort ag ionnsachadh.
Ma tha thu cinnteach gur e ionnsramaid a tha cosgail a tha thu airson ionnsachadh, am bogsa-ciùil no na drumaichean mar eisimpleir, ‘s urrainn dhut gan ceannach air an ath-làimhe. Ma nì thu sin cha bhi an cosgais ceart cho àrd ‘s a bhiodh e airson ionnsramaid ùr.

Feuch an Ionnsramaid Mus Ceannaich Thu I
‘S e an dòigh as fhasa dearbhadh gu bheil thu air an ionnsramaid cheart a thaghadh dhut fhèin a bhith ga feuchainn mus ceannaich thu i. Bheir seo dhut beachd air cò ris a bhios i coltach nad làimh agus cuideachd an t-seòrsa fhuaim a chruthaicheas i. Mur eil thu comasach an ionnsramaid a chluich idir bhiodh e math càraid agad a bhith ann a tha comasach a cluich gus an ionnsramaid fheuchainn dhut.
A’ Ceannach Ionnsramaid ann am Bùth-Chiùil
‘S e seo an dòigh as fheàrr ionnsramaid-chiùil ùr a cheannach. Ged a bhios tu ‘s dòcha comasach prìsean beagan nas ìsle a lorg air-loidhne, cha bhi an cothrom agad an ionnsramaid fheucchainn agus tha teansa ann le bhith ga cheannach air-loidhne gun tèid a milleadh sa phost.
Chan eil trioblaidean den leithid a’ nochdadh idir anns a’ bhùth-chiùil agus tha buannachd mhòr eile ann ? an luchd-obrach! Bidh iad toilichte do chuideachadh agus bidh fiosrachadh gu leòr is tuilleadh aca mu na diofar ionnsramaidean is cho-innealan a tha ri fhaighinn sa bhùth.
‘S urrainn dhut innse dhaibh mun t-seòrsa ionnsramaid a tha thu airson ceannach, an ìre chluich aig a bheil thu agus am buidseat agad agus nì iad cinnteach gum faigh thu an ionnsramaid cheart agus na diofar nithean air am bi feum agad.
Leasanan
Bidh cuid de dhaoine toilichte is comasach gu leòr iad fhèin a theagasg ach bidh cuid eile airson leasanan fhaighinn. Gu tric tha leasanan ri fhaighinn tron sgoil agad ach tha ceudan de luchd-theagaisg phrìobhaiteach ann cuideachd. Bidh leasanan air leth feumail airson na diofar sgilean-bunaiteach agus na sgilean-adhartach ciùil ionnsachadh.
Tha an t-uabhas ri lorg air làraich-lìn mar YouTube cuideachd agus mar sin tha dòighean ann na diofair sgilean-ciùil ionnsachadh gun a bhith a’ pàigheadh airson leasanan.
Cuimhnich ge-tà ged ‘s urrainn leasanan a bhith beagan cosgail, ‘s iad an dòigh as fheàrr ionnsachadh leis gu bheil neach-teagaisg ann airson do chuideachadh agus gheibh thu leasanan pearsanaichte ? rudan nach fhaigh thu air YouTube.
Amasan
Tha thu a-nis air an ionnsramaid-chiùil ùr agad a cheannach agus tha thu air taghadh a dhèanamh eadar leasanan fhaighinn no a bhith gad theagasg fhèin, meal do naidheachd!
Airson adhartas a dhèanamh gu luath tha e cudromach amasan a a chur romhad fhèin. Bu chòir dhut dà dhiofar sheòrsa amasan a chruthachadh, amasan geàrr-ùine agus amasan fad-ùine.
Amasan Geàrr-Ùine
Bu chòir dhaibh seo a bhith furasta ruigsinn ann an àm nach eil ro fhada, ‘s dòcha seachdain no dhà no mìos aig a’ char as fhaide is iad na rudan beaga a tha thu airson ionnsachadh gus na h-amasan fad-ùine agad a dhèanamh na b’ fhasa ruigsinn.
Amasan Fad-Ùine
Cruthaich amasan fad-ùine dhut fhèin a tha nas dorra ruigsinn agus a bheir barrachd ùine. ‘S iad seo na clachan-mìle mòra a tha gu bhith a’ sealltainn dhut dìreach cho fad ‘s a tha thu air a dhol agus na tha thu air ionnsachadh.
Ge bi dè na h-amasan a cruthaicheas tu dhut fhèin, dèan cinnteach gun ruig thu iad. Bheir iad misneachd dhut le bhith a’ sealltainn dhut na tha thu air ionnsachadh mu thràth agus dè an ath rud air a bheil thu gu bhith ag obair.
Cleachdadh
Tha cuid den luchd-ciùil as fheàrr san t-saoghal a’ cur seachad faisg air ochd uairean a thìde a’ cluich gach là. Chan fheum thu fhèin an uiread den ùine sin a chur seachad ge-tà. Ma chuireas tu seachad fiù ?s leth uair a thìde a’ cluich gach là, cuiridh e iongnadh ort an diofar a nì e dha na sgilean-ciùil agad. Nì cleachdadh cinnteach!
Ionnsaich an Teòraidh
Tha fios againn nach e am pàirt spòrsail a th’ anns a bhith ag ionnsachadh an teòraidh ach ‘s e rud gu math cudromach a th’ ann. Nì seo diofar mòr dha na sgilean ciùil agad agus cuidichidh e thu le bhith a’ tuigsinn nan adhbharan airson nan diofar rudan a tha thu ag ionnsachadh.
Ionnsaich Le Càraid
‘S urrainn seo a bhith na deagh spòrs agus bidh an dithis agaibh comasach a chèile a chuideachadh leis na sgilean-ciùil doirbh. Ma tha thu nad phearsa farpaiseach, ‘s urrainn do cho-fharpais càirdeil a bhith na dheagh bhrosnachadh dhut cuideachd.
Gabh Spòrs!
‘S dòcha gur e seo am pùing as cudromaiche san artaigil seo! Cuimhnich gun do thòisich thu ag ionnsachadh d’ ionnsramaid gus am biodh spòrs agad leatha air a’ chiad dol a-mach, mar sin na gabh cus dragh mur eil thu ag ionnsachadh ‘s a’ dèanamh adhartas cho luath ‘s a bha thu an dùil ? cùm ort!