Prìosan Siubhail Nas Ìsle in Rights

Brought to you by

Ma thathar 16, 17 no 18 bliadhna de dh’aois (no eadar 19-25 agus nad saor-thagraiche làn-ùine) ‘s urrainn dhut prìosan nas ìsle fhaighinn nuair a thathar a’ siubhail air busaichean, trèanaichean is bàtaichean-aisig leis a bhidh a’ cleachdadh do chairt NEC Young Scot.

Airson na prìsean seo fhaighinn feumaidh fear de na cairtean as ùra (leis an stiall pinc air cùlaibh do là-bhreith) mar a tha air a’ shealltainn san dealbh air an taobh deas.

altText

Ma tha fear na b’ aosta agad, b’ fheudar dhut ga ath-nuadhachadh. Thèid gun duilleag ath-nuadhachaidh againn airson barrachd fiosrachaidh.

Busaichean

‘S urrainn dhut prìsean nas ìsle fhaighinn air busaichean anns gach ùghdarras ionadail leis an cairt Young Scot.

Feumar do chairt a’ sganadh no a’ shealltainn dhan draibhear nuair a’ cheannachar do thiocaid.

Chan fhaighear prìsean nas ìsle air busaichean le prìsean duais-barrachd, busaichean siubhail-sheallaidhean no busaichean ann an Sasainn.

Chan fhaighear prìsean nas ìsle ach air turasan aon-sligheach.

Bheir sùil air an làraich-linn Transport Scotland airson barrachd fiosrachadh a’ lorg.

Trèanaichean

Ma thathar eadar 16 is 18 bliadhna de dh’aois faighear prìsean nas ìsle air trèanaichean nuair a thathar a’ siubhail ann an Alba.

Faighear:

  • Prìs 1/3mh nas ìsle airson an cuid as motha de turasan trèana.
  • 50% dheth tiocaidean seachdaineil no mìosail
  • 1/3mh dheth am prìs airson an cuid as motha de tiocaidean adhartach.

Chan fheumar bileag-theist fa leth no Scottish Youth Railcard a’ cleachdadh gus na prìsean nas ìsle fhaighinn a-nis.

Tha thu cuideachd comasach do chairt Young Scot a’ cleachdadh gus tiocaidean a’ ceannach air an làraich-linn Scotrail. Cleachd an taghadh ‘Scottish Youth’ san clàr-taice teàrnach nuair a tha thu airson tiocaid a’ ceannach.

Thoir an aire: Cha bu chòir tiocaidean a bhidh air an ceannach air an trèana ach nuair nach eil tiocaid ri fhaighinn bho inneal no oifis-tiocaid san stèisean.

Faighear prìsean nas ìsle air na trèanaichean aig Scotrail, LNER, Virgin Train, Cross Country agus First Transpenine nuair a tha an turas air fad a’ gabhail àite taobh a-staigh na h-Alba.

Bacaidhean

Tha National Rail air bacaidhean a’ cur ann an àite air na prìsean nas ìsle.

Tha bun-chosg ann ma thathar airson siubhail ro 10m tron seachdain. Feumar co-dhiù £12:00 no barrachd a’ chosg ma thathar airson Anytime, Anytime Day single no Return, Off-Peak, Off-Peak Day no Super Off-Peak Single no Return a’ ceannach.

Mar Eisimpleir, ma bha an tiocaid a chosg £15 mar as àbhaist, ‘s e £10 a bhios ann leis an cairt Young Scot. O’ chionn ‘s na bacaidhean ‘s e am bun-chosg de £12 a bhios agad ri phàigheadh.

Chan eil bacaidhean sam bith ann airson tiocaidean seachdaineil no mìosail aig amannan prìomhach.

Thoir sùil air an làraich-linn National Rail airson barrachd fiosrachaidh.

Bàtaichean-Aisig

Feumar cairt NEC Young Scot a bhidh agad gus bileagan-theist fhaighinn, mar sin mar nach eil fear agad no ma tha ionadair a dhith, bheir sùil air an duilleag 'Faigh Do Chairt' air an làraich-linn againn no cur fòn gu InfoLine aig 0808 801 0338.

Ma tha cairt Young Scot agad mu thràth agus thathar a' fuireach air eilean ann an Alba, thathar comasach bileagan-theist fhaighinn nuair a thathar 16 bliadhna de dh’ aois. Mar as àbhaist tha na bileagan-theist air an cur dhan seòladh agad. Tha thu airidh air 4 bileagan-theist gach bliadhna fhad ‘s a tha thu 16, 17 agus 18 bliadhna de dh’ aois.

Cuir fios dhan oifis Young Scot ionadail agad mar nach eil thu air na bileagan-theist agad fhaighinn agus curaidh iad na bileagan thugad.

Bidh do dhealbh agus d’ àireamh cairt Young Scot air na bileagan-theist.