10 Gliocasan Airson Ath-Sgrùdadh agus Ionnsachadh in Learning

Brought to you by

Tha Shona Cochrane, ùghdar Learn to Learn aig Bright Red, air na gliocasan as fheàrr aice airson ionnsachadh agus ath-sgrùdadh fhad ‘s a tha thu san sgoil. Leughar an seo iad!

1) Cuidichidh gach pìos beag

Cuidichidh a h-uile rud a tha thu a’ dèanamh. Fiù ‘s rudan beaga mar a bhidh a’ dèanamh d’ obair-dhachaidh gach seachdain. Leis gu bheil thu a’ dol tharais air na tha thu air ionnsachadh san sgoil mu-thràth tha e na seòrsa ath-sgrùdadh.

2) Lorg gnàth-chùrsa

Ma lorgar gnàth-chùrsa airson d' obair-dheachaidh agus ath-sgrùdadh eile a’ dhèanamh tron bliadhna air fad, bidh e fada na b’ fhasa dhut nuair a ruigeas àm nan deuchainnean.

3) Cur seachad beagan am a’ sgrùdadh

Cur seachad beagan àm gach là, no fiù ‘s gach seachdain, a’ sgrùdadh na prìomh puingean is faclan bho leasanan na seachdaine gus a’ dèanamh cinnteach gu bheil thu gan tuigsinn uile.

4) Tha planadh air leth cudromach

Cruthaich clàr-ama cnuasachaidh airson an àm a dh’fheumas tu a’ cur seachad air d’ obair-dheachaidh agus ath-sgrùdadh agus ‘s urrainn dhut àm a’ cur a-steach ann airson cur-seachadan agus rudan saor-thoileach cuideachd.

5) Cleachd dathan

Cruthaich notaichean snasail a bhios nas fhasa leubhadh leis a bhidh a’ cleachdadh dathan, diagraman, beàrnadh agus ceann-sgrìobhaidhean.

6) Bris sìos i

Cleachd gleusan cuimhneachaidh is cleasan eile den leithid airson cùisean a’ dhèanamh nas fhasa cuimhneachadh m.e. sa Bheurla chanar ‘never eat shredded wheat’ airson an òrdugh ‘North, East, South, West’ a’ cuimhneachadh.

7) Cum am fiosrachadh ùrail

Dèan cinnteach gu bheil thu a’ dol air ais tharais air obair a tha beagan nas sinne cuideachd gus ga chumail ùrail nad cuimhne.

8) Bidh eòlach air na tha cudromach

Dèan cinnteach gu bheil fhios agad air na faclan agus puingean as cudromaiche anns gach cuspair. Cleachd soillsichearan is nithean den leithid gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ seasamh a-mach sna notaichean agad.

undefined

9) Cùm d’ obair-dhachaidh agus ath-sgrùdadh eagraichte

Sgrìobh an ceann-là aig mullach gach pìos obrach agus cùm a h-uile càil ann an òrdugh. Bidh e fada na b’ fhasa dhut am fiosrachadh a tha dhìth a’ lorg aig an àm ceart.

10) Toisich!

Na bidh ga fhàgail gun mionaid mu dheireadh no fiù ‘s a-màireach! ‘S e an-dràsta fhèin an àm as fheàrr airson tòiseachadh!

Cleachd an Study Style Quiz gus obrachadh a-mach na tha ag obair dhutsa.